Main content
Sorry, this episode is not currently available

Feasgar air Diardaoin

Tha Seonaig Nic a' Ghobhainn air ais anns an chidsin le sreath ùr stèidhichte air biadhan Nollaig. Seonag Smith returns to the kitchen with a new strand on Christmas food.

Tha panto-maimean agus dealbhan-cluiche Nollaig air tòiseachadh agus an-diugh cluinnidh sinn mar a chaidh dha Pàdraig Moireasdan nuair a chaidh e a dh'fhaicinn A Bottle of Wine and Patsy Cline ann an Dùn Èideann.

Tha an còcaire Seonag Nic a' Ghobhainn air ais anns a' chidsin airson biadhan ullachadh airson àm na Nollaig. An-diugh am measg na tha anns an àmhainn agus air an stòbh tha feòil uan le spìosraidh, isbeanan Nollaig and Sailead le Peur agus slap-chàl. Agus mar a bheil sin gu leòr tha i cuideachd a' deasachadh reòiteag le cofaidh agus uachdar Èireannach.

Tha Màiri Ross a' taghadh an t-òran a b' fheàrr a chord rithe air a' bhliadhna chaidh seachad.

Agus tha Daibhidh Byrne air ais le naidheachdan-siubhail. bbc.co.uk/coinneach.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 7 Dec 2017 12:33

Music Played

  • Matrix & Futurebound & Calum Scott

    Light Us Up (feat. Calum Scott)

    • Light Us Up (Single).
    • Parlophone UK.
    • 1.
  • Patsy Cline

    Crazy

    • Acuff-Rose Opryland Music: 50th Anniversary.
    • Acuff-Rose Opryland.
  • Patsy Cline

    Walkin' After Midnight

    • Patsy Cline - Walking After Midnight.
    • Classic Country.
  • Jools Holland, José Feliciano & Rita Wilson

    You're So Cold

    • As You See Me Now.
    • East West Records.
    • 10.
  • Sheridan Smith

    City of Stars

    • Sheridan The Album.
    • Warner Music UK.
    • 003.
  • Tom Chaplin

    2000 Miles

    • Twelve Tales Of Christmas.
    • Island.
    • 003.

Feòil Uan Spìosraidh le Fìon Port

Ұìٳ𾱻𲹲:

2 phunnd feòil amhaich uan air a ghearradh nan caoban (lamb neck fillets)1 spàin-tì sìol cardamom1 spàin-tì sìol cumin1 spàin-tì caineal air a phronnadh (cinnamon)2 spàinean mòra ola (frying)12 shallots bheaga1 spàin mhòr flùr plèan300 ml fìon port800 ml sùgh feòil uain no feòil mairt300 gram prùnaichean1 sprod caineal (cinnamon stick)Salainn agus piobar dubh air a phronnadh1 pomegranate (dìreach an sìol)Bad meannt

ò:

Teasaich an àmhainn gu 180c / 160 fan / Gas 4

Ann am mortar & pestle cuir sìol nan cardamom agus an cumin agus pronn gus a bheil iad caran mìn. Cuir ris fùdar a’ chaineal agus ola airson taois a dhèanamh agus suath air feadh na caoban feòla.

Ann am bobhla mòr trom, fraighig an fheòil ann an rud beag eile ola gus a bheil na caoban donn agus cur gu aon taobh.

Anns an aon phana, fraighig na shallots airson còig mionaidean gus a bheil iad soilleir donn agus an uairsin till ann an fheòil uan, cuir ris am flùr agus còcairich airson mu mhionaid.

Cuir ann am fìon port, an sùgh, na prùnaichean agus an sprod caineal. 

Cuir a-nis ann an salann agus am piobar. Cuir mullach air a’ bhobhla agus cuir dhan àmhainn airson uair a thìde.

Cuir a-mach air truinnsearan agus sgaoil sìol a’ phomegranate agus beagan dhen bhad meannt air a shracadh. 

Rola Isbean Nollaig

Ұìٳ𾱻𲹲:

1 phùnnd mions feòil muice 8oz feòil isbean (gun chraiceann)1 uinnean meadhanach mòr air a ghearradh 2 chlobha creamh air am pronnadh (garlic)6 sliosan hama stiallanach smocte agus ciùbaichte75ml Calvados1 spàin-tì sàiste (sage)2 spàin-tì pearsail (parsley)1/4 spàin-tì dinnsear (ginger)1/4 spàin-tì cnò-mheannt air a sgrìobadh gu mìn (nutmeg)50g cnothan pistachio mìn-sgudaichte20 apracot tioram ciùbaichte SalannPiobar dubh air a phronnadh 2 ugh air am bualadh50 grama smùr arain1 siota pastraidh “puff” air a roiligeadh gu mu 50cm/20"x 25cm/10" a thighead

ò

Teasaich an àmhainn gu 200C / 180 Fan / Gas 6

Fraighig a’ hama, an t-uinnean agus an creamh agus cuir ris an Calvados. A-nis cuir ann am bobhla mòr agus leig leis fuarachadh. Cuir ann an còrr de na grìtheidean, a’ cumail rud beag dhen ugh air a bhualadh airson a liacradh air a’ phastraidh a-rithist. Measgaich gu math agus bheir cumadh isbean air agus cuir air a’ phastraidh e. Paisg am pastraidh timcheall air an isbean agus cuir beag dhen ugh air na h-oirean ach an steig iad ri chèile. Le sgian gheur geàrr loidhnichean tarsainn mullach a’ phastraidh.

Cuir dhan àmhainn airson 10 mionaidean agus tionndaidh sìos teas na h-àmhainn gu 170C / 150 Fan / Gas6. 

Còcairich airson 30 mionaid eile. 

Ith le “coleslaw” no le Sailead le Peur agus Bloinigean Gàraidh (Spinach)

Sailead Peur agus Bloinigean-gàrraidh (Spinach)

Ұìٳ𾱻𲹲:

Pacaid bheag bloinigean-gàrraidh (spinach)Dà pheur (cruaidh ach air abachadh)Cupa cnò-Fhrangach no cno-pheacain (walnuts/pecan nuts)Cupa bhraoileagean-dearg (cranberries)Sìol pomegranate3 unnsaichean càise feta

Annlan:Cairteal cupa fìon geur lionn-ubhal (cider vinegar)3 spàin-bùird ola a' chroinn-ola1 / 2 spàin-tì mil1 spàin-tì mustard DijonSalann agus piobar

Cuir grìtheidean an sailead an ceann a chèile ann am bobhla mòr.Buail grìtheidean na h-annlan ri chèile agus dòirt air an sailead. Dèan cinnteach gun còmhdaich thu an sailead air fad.

Reòiteag Irish Cream

Ұìٳ𾱻𲹲:

300ml/10floz uachdar dùbailte 175g/6oz bainne milis (condensed)2 spàin mhòr Irish cream liqueurCraiteachan caineal (cinnamon)

ò:

Buail an t-uachdar gus a bheil e tiugh agus cuir ris am bainne milis, an liqueur agus an caineal.

Cuir ann am bobhla le mullach air, agus reoth airson 4 gu 6 uairean a thìde no gus a bheil e cruaidh. 

Airson ithe, faodaidh sibh tuilleadh liqueur a dhòrtadh air uachdar. 

Broadcast

  • Thu 7 Dec 2017 12:33