Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Rinn Arm Bhreatainn adhartas math ann am Mesopotamia aig toiseach mìos na Samhain 1917 is an t-Arm Turcach a' tarraing air ais gu Tekrit, seann bhaile ri taobh Abhainn Tigris. Bha amharas aig a' Chomanndair Bhreatannach, Sir Frederick Maude, gu robh na Turcaich an dùil tarraing air ais nas fhaide, a' toirt leotha nan goireasan a bh' aca air a stòradh ann an Tekrit, agus thug e òrdugh do chomanndair an Ochdamh Brigade, an Seanalair Cobbe, ionnsaigh a thoirt air a' bhaile. Tha fiosrachadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn mu na thachair.

Air an 6mh den t-Samhain 1917 thàinig Treas Blàr Ypres, no Blàr Passchendaele, gu ceann nuair a ghabh Corps Canèidianach Arm Bhreatainn sealbh air a' bhaile, ged a bha an t-sabaid dol a leantainn san sgìre mun cuairt airson ùine fhathast. Bha am blàr air tòiseachadh san Iuchair agus bha call-beatha mòr na lùib.

Bha sabaid chruaidh a' leantainn aig Passenchdaele sa Bheilg agus Gàsa ann am Palestine air an dàrna seachdain den mhìos, le Arm Breatainn a' togail air an adhartas a rinn iad san dà àite air an t-seachdain ron a sin.

Chaidh sàbhaladh fortanach air seòladair às an Eilean Sgitheanach san t-Samhain 1917. Bha Eàirdsidh Dòmhnallach à Dùn Bheagain air tràlair ann am Portsmouth, tè dhen fheadhainn a bha sguabadh na mara airson mhèinnichean, ach bhiodh iad ga thoirt air falbh uaireannan gu oifis a' phuist sa bhaile on a bha e na phost ron Chogadh. Sin a thachair air an 11mh den t-Samhain 1917, mar a tha a mhac, Ailean Dòmhnallach, ag innse ann na sgeulachd chianail sa phrògram.

Thòisich Blàr Cambrai, an ceann-a-tuath na Frainge, air an 20mh den t-Samhain 1917. Bha am baile cudromach air sgàth na bha de loidhnichean-rèile mun cuairt air is mar sin rinn Breatainn oidhirp mhòr air a ghabhail thairis. Chuir Comanndair an Treas Arm, an Seanalair Julian Byng, dòigh-sabaid ùr an gnìomh an seo a bha gabhail a-steach ionnsaigh obann le tancaichean, le coisridh agus eachraidh a' tighinn dlùth às an dèidh. Cha do chleachd e na gunnachan-mòra aig toiseach a' bhlàir mar a b' àbhaist gus nach toireadh iad rabhadh seachad gu robh ionnsaigh a' tighinn. An àite sin, chleachd e na tancaichean airson uèir-bhiorach nan Gearmailteach a leagail.
Thàinig an ionnsaigh air na Gearmailtich gun fhiosta agus chaidh aig feachdan Bhreatainn air bristeadh tron loidhne-dìon aca is gluasad còig mìle air adhart ann am beagan uairean a thìde.

30 minutes

Last on

Sun 3 Dec 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 27 Nov 2017 12:00
  • Mon 27 Nov 2017 22:00
  • Sun 3 Dec 2017 13:00