Feasgar air Diardaoin
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment Cathy MacDonald.
Chaidh ìomhaigh-chloiche ùr dhen sgrìobhaiche George Orwell fhoillseachadh ann a Lunnainn an t-seachdain seo. Tha e na sheasamh taobh a muigh togallach a BhBC ann a meadhan Lunnainn, far an robh Orwell ag obair airson greiseag bho chionn 70 bliadhna. Tha faisg air 70 bliadhna cuideachd bhon a sgrìobh Orwell a nobhail ainmeal, 1984, fhads a bha e tà mh air Eilean Dhiùra, an Alba. Aig toiseach na bliadhna seo fhèin, b'e 1984 an leabhar bu mhotha a bha daoine ag òrdachadh bho Amazon agus ron Iuchar, bha an aireamh a chaidh an reic air dùblachadh bhon uiridh. Carson saoil? Agus ciamar a tha Orwell ga mheasadh san la an diugh ann a saoghal litreacheas na Beurla? Cluinnidh sinn bho Tommy MacAsgaill a bha teagasg Beurla agus aig am bheil ùidh ann am beatha Orwell.
Tha slighe-rathaid ùr ga chomharrachadh air taobh an Ear-Thuath na h-Alba, mar dhòigh air turasachd a bhrosnachadh 'sa sgìre. Tha a North East 250 a ruith ann an cearcall, 250 mìle a dh'fhad, tro Fà n Spè, sgìre a Mhonaidh Ruaidh , Srath Dhè, Obar Dheathann , tuath gu Ceann Phadraig, sgìre Mhoireibh 's air ais sìos gu Brà igh Mhà rr.
'S ann gu math soirbheachail a tha a leithid air a bhith ann an ceann a tuath na h-Alba, far an deach slighe sonraichte ainmeachadh mar North Coast 500, bho chionn dà bhliadhna. Anns an ùine sin, tha 29,000 neach a bharrachd air tadhal air an sgìre. An tachair an aon rud anns an Ear-Thuath? Agus an de ga rireabh rud math a bhiodh ann no am bheil cunnart ann gun tarraing e cus luchd-turais do dh'à itean nach eil ullaichte mun coinneamh? Gheibh sinn beachdan bho fheadhainn a tha eòlach air NC500 agus feadhainn a tha fuireachd air taobh an Ear-Thuath dhen duthaich.
Gach seachdain an drasta, tha aoighe a'tadhal air Cathy airson innse mun chiad chuirm-ciùil gun deach iad. An-diugh, bi Mairead NicLeòid ann an Glaschu, a'cuimhneachadh air Fairport Convention, Nana Mouskouri agus Charley Pride!
Sin agus ceòl bho Plan B, Tom Chaplin, Coldplay is eile. www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
More episodes
Previous
Next
Music Played
-
The Mynabirds
Ashes in the Rain
- Be Here Now.
- Saddle Creek Records.
- 007.
-
Olivia Holt
History
- Olivia.
- Hollywood Records.
- 005.
-
Ailbhe McDonagh, Hogan, Mike, Noel Hogan, Karen Dervan, Fergal Lawler, Orlah Ni Bhraoin, Kenneth Rice & The Cranberries
The Glory
- Something Else.
- 002.
-
The Shires
Drive
- My Universe.
- 005.
-
Fairport Convention
Rising For The Moon
- "What We Did on Our Holidays" An Introduction to Fairport Convention.
- 015.
-
Nana Mouskouri
Song for a Winter's Night
- Sings Over & Over.
- 005.
Broadcast
- Thu 9 Nov 2017 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal