01/11/2017
Fiosrachadh mu Foirgheall Balfour a thachair ceud bliadhna air ais. bbc.co.uk/coinneach. Iain MacPherson explains the Balfour Declaration.
Seo Mìos Sgrìobhadh Nobhailean nuair a bhios dùbhlan ga chur ro dhaoine nobhail a sgrìobhadh ann am mìos. Ach dè a' chomhairle a th'aig sgrìobhadairean dha daoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' sgrìobhadh?
Tha ceud bliadhna ann bhon a chaidh Am Foirgheall Balfour a' chuir an cèill bho oifis nan dùthchannan cèin. Tha Iain Mac a' Phearsain ag innse barrachd mu dheidhinn agus carson a bha e cho cudromach aig an à m.
Tha Niall Mitchison a' mìneachadh Lìog Ceann a Tuath na h-Eadailt.
Agus Coinneach a' coinneachadh ri Catriona Nic Ille Dhuibh, a tha a-nise a' fuireach 'san Òlaind, ach aig an robh taisbeanadh sònraichte aig An Lanntair ann an Leòdhas. Bha i a-riamh air a mòr mhisneachadh leis a' bheairteas de dh' annasan fhaclan a chruinnich Maighstir Ailein Dòmhnallach ann an Uibhist a Deas agus Eirisgeigh san naoidheamh linn deug , agus gu sònraichte leis an à bhachdas a bha aig freumhan mòran de na facail. Tha Catrìona air leabhran de dhealbhan ùra a chruthachadh stèidhichte air a' chruinneachadh à raid seo "Forradh", agus tha Coinneach air a bhith faighinn a-mach barrachd mu na faclan a' lorg i airson an leabhair. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 1 Nov 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Nov 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal