Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Dimàirt

Tha Iagan MacAonghais a' tadhal air chèilidh air Coinneach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Iagan MacInnes is Kenny's guest live from the Royal National Mod in Lochaber.

Tha Coinneach air chuairt aig a Mhòd Nàìseanta Rìoghail ach ciamar a chumas e sùil agus grèim air a h-uile sian a tha tachairt? Tha Hannah NicUrardaich a' dol a'
dh'innse mar a tha na meadhanan sòisealta gan cuir gu feum aig tachartasan mòra mar am Mòd agus tha i a' dol a dh'innse cuideachd mun fharpais Vlog a'
Mhòid 2017.

Tha 150 bliadhna mun àm seo, as t-Fhoghar, bhon a dh'fhoillsich Iòsaph Lister paipear mu lobhar-leigheas s 'mar a ghabhadh a chuir gu feum ann an obair-lannsa. 'S ann ag obair aig Ospodal Rìoghail Ghlaschu a bha Lister aig an àm. Còmhla rinn an-diugh, airson innse cò direach a bh'ann a Iòsaph Lister, tha an dotair is
lannsair, Ailean Turner.

Tha an Dr Aonghas MacCoinnich air ais le pàipear eile à Tasglann nan Caimbeulach aig Caisteal Inbhir Aora. An-diugh Taic-Airgid Oileanach.

Agus gach la dhen t-seachdain seo, tha ceiliche gu bhith aig Coinneach 'se aig a Mhòd anns a' Ghearasdan. An-diugh, 's e Iagan MacAonghais as an Àird Ghobhar a bhios a tadhal air!

www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 17 Oct 2017 21:00

Broadcasts

  • Tue 17 Oct 2017 09:00
  • Tue 17 Oct 2017 21:00