Fasan, biadh agus ceòl
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime News, debate, music and entertainment Cathy MacDonald.
Tha an dealbh-chluich, Rocket Post, an-drà sta air chuairt an Alba. Tha an sgeulachd stèidhichte air mar a thachair da-rìreabh anns na Hearadh tro shamhradh 1934. Sin nuair a dh'fheuch fear-saidheans Gearmailteach, Gerhard Zucker, ri rocaidean a chleachdadh airson litrichean fhaighinn bho à ite gu à ite! Chaidh film a dhèanamh mun seo roimhe, bho chionn trì bliadhna deug. Ach cò ris a tha e coltach ga tharraing ri chèile airson an à rd-ùrlar? Cluinnidh sinn bho te de na cleasaichean: M.J Deans.
Tha an dealbhaiche-aodaich Sandra Mhoireach air a bhith ann am Paris, far an do ghabh i cuairt timcheall taisbeanadh ùr Dior aig Musée des Arts Décoratifs. Tha an taigh-tasgaidh a' comharrachadh 70 bliadhna de House of Dior, 's cluinnidh sinn mu na tha ri fhaicinn ann. Ghabh i cuideachd cothrom sùil a thoirt air taisbeanadh am fear-ealain David Hockney, a tha an-drà sta ri fhaicinn aig Ionad Pompidou 's a bhaile. Bha an taisbeanadh seo ri fhaicinn an toiseach aig Gailearaidh an Tate ann an Lunnainn na bu trà ithe am bliadhna far an robh e air leth soirbheachail. Tharraing e faisg air leth-muillean neach, 's b' fheùdar a chumail fosgailte gu meadhan-oidhche air na trì laithean mu dheireadh a bha e ri fhaicinn. Am bi e cheart cho soirbheachail ann am Paris agus dè shaoil Sandra fhèin dheth?
Agus a bheil còir agad leigeil le biadh fuarachadh mus tèid e dhan frids no dhan reòthadair? A rèir aithisg a nochd anns a' Huffington Post an t-seachdain sa, tha còir biadh a chur dhan frids neo dhan reòthadair cho luath sa ghabhas, fiù 's ged a bhiodh e teth. Ceart neo ceà rr? Cluinnidh sinn bhon chòcaire Seonag Nic a' Ghobhainn.
Sin agus ceòl bho Craig David, Kelly Clarkson, Passenger agus gu leòr eile. www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Music Played
-
Craig David
Heartline
- The Time Is Now.
- Insanity Records.
- 2.
-
Liam Gallagher
For What It's Worth
- As You Were.
- Warner Bros. Records.
- 005.
-
Paul Heaton & Jacqui Abbott
People Like Us
-
Kelly Clarkson
Love So Soft
- Love So Soft.
- 1.
-
Passenger
The Boy Who Cried Wolf
- The Boy Who Cried Wolf.
- Black Crow Records.
- 003.
-
Snow Patrol
Run
- Now That’s What I Call Music! 57.
- 041.
-
Niall Horan
Too Much To Ask
- Too Much to Ask.
- Neon Haze Music Ltd.
- 001.
Broadcast
- Tue 26 Sep 2017 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal