Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuairt timcheall baile Dhùn Dè còmhla ri Iain Moireasdan. Coinneach takes a tour of the city of Dundee with John Morrison. bbc.co.uk/coinneach.

'S ann an Dùn Dè a tha Coinneach an-diugh. Na chuideachd fad a' phrògram tha Iain Moireasdan a tha air a bhith a' fuireach san sgìre airson iomadach bliadhna is a bha uair ag obair ann an roinn turasachd a' bhaile.

Am measg nan àitichean air a bheil iad a' tadhal tha Cnoc Dhùn Dè, far am faicear am baile agus an sgìre mun cuairt. Tha Iain cuideachd a' bruidhinn air na leasachaidhean ùra air a' chaladh.

Bha uair ann nuair a bha aon ghnìomhachas gu math mòr a' fàgail Dùn Dè cudromach ann an eaconamaidh an t-saoghail air fad: jute. Bha còrr air naoi fichead muilinn jute anns a' bhaile is bathair ga reic dhan a' h-uile ceàrnaidh dhan t-saoghail.

Agus tha Coinneach agus Iain cuideachd a' gabhail cuairt timcheall na Verdant Works còmhla ri Ruairidh Mac a' Phearsain.

Agus cluinnidh Coinneach mun dà sgioba mòr ball-coise sa bhaile còmhla ri Aonghas MacArtair agus mu dheidhinn obair nam pàipearan naidheachd is Desperate Dan! bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 13 Sep 2017 21:00

Broadcasts

  • Wed 13 Sep 2017 09:00
  • Wed 13 Sep 2017 21:00