Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Diardaoin

Carson a tha an Dundee Courier a chaidh a' stèidheachadh ann an 1801 fhathast cho soirbheachail? Why is the Dundee Courier, launched in 1801, still so popular?

An-diugh dè a tha ron a' Phartaidh Làbarach ann an Alba? Tha Kezia Dugdale air a dreuchd mar Cheannard a' Phartaidh Làbarach ann an Alba a leigeil seachad. B' ise an còigeamh ceannard a bh' air a' phartaidh ann an Alba taobh a staigh sia bliadhna. Carson a tha'd a' tighinn sa falbh cho tric agus dè a tha seo a ciallachadh dhan phartaidh?

Tha Coinneach ann an Dùn Dè agus tha Iain Moireasdan a' tadhal air le iris dhen phàipear ionadail The Dundee Courier. Chaidh am pàipear a stèidheachadh ann an 1801 agus tha àite làidir aige fhathast anns a' bhaile agus an sgìre mun cuairt. Tha Iain air a bhith fuireach sa bhaile iomadh bliadhna agus e a' dol a thoirt beachd air carson a tha an Courier fhathast soirbheachail.

Agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le eachdraidh-beatha Gaidheal eile air nach eil mòran aithne. An-diugh an Naomh Adhamhnan (c. 628-704) - duine Gàidhlig, manach, sgoilear, agus bàrd a dh'fhàg sgrìobhaidhean às a dhèidh aig an robh cliù eadar-nàiseanta agus a chuir an gnìomh a' chiad lagh eadar-nàiseanta a-riamh a bha a' dìon dhaoine neo-chiontach ri linn cogaidh. www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 31 Aug 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 31 Aug 2017 09:00
  • Thu 31 Aug 2017 21:13