Coinneach Diardaoin
Tha Coinneach a' faighinn facal ri sianar oileanach bho dhùthchannan eile a tha ag ionnsachadh Gà idhlig. Kenny chats to six students from abroad who are learning Gà idhlig.
An-diugh dè as coireach gu bheil daoine a' bà sachadh leis an acras agus le cholera anns an Yemen, 's cuid de na rìoghachdan as beartaich san t-saoghal mun cuairt orra? Tha Iain Mac a 'Phearsain, eòlaiche an Ear-Mheadhanach, a' mìneachadh an t-suidheachadh a th'ann an-drà sta.
Bi 100 bliadhna air a Bhliadhn' Ùire sa tighinn bhon a chaidh an Iolaire air na creagan aig Bèistean Thuilm far costa Leòdhais. Cluinnidh sinn an-diugh mu theip a dh'fhà g fear den fheadhainn a thà inig beò aiste, 's nach deach a chluinntinn riamh roimhe gu seo. Bha athair Mabel Weir, Dòmhnall Moireach, am measg an 79 neach a fhuair às an Iolaire beò, nuair a chaidh 205 fear eile a chall. Air an teip tha e ag innse mar a thuig iad an toiseach gu robh rudeigin ceà rr, mar a chaidh e fhèin a thilgeil gu taobh thall an t-soithich agus an t-strì airson faighinn gu tìr. Cha do bhruidhinn e mòran tuilleadh mu dheidhinn airson a' chòrr dha bheatha ach gum biodh e dol sà mhach gach oidhche Bliadhn' Ùire. Chur Dòmhnall an uairsin a bheatha-obrach seachad air a' phoileas ann an Glaschu far an do thog e teaghlach. 'Si Mabel Weir an tè as òige dhiubh 's chaidh Coinneach a thadhal oirre bho chionn ghoirid, na dhachaigh anns a' bhaile.
Tha Sgoil Shamhraidh a' dol an drà sta ann an Leòdhas airson oileanaich a tha ag ionnsachadh na Gà idhlig. Tha iad a' cur trì seachdainean seachad air an eilean agus an-diugh tha Coinneach a faighinn facal air sianar dhiubh às an Nirribhidh, an Fhionnlainn, An Eilbheis, Ameireagaidh agus A' Phòlainn.
Agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le eachdraidh-beatha Gaidheal eile air nach eil mòran aithne. An-diugh An Leadaidh Eliza Ros D'Oyly (1789-1875). bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Coinneach agus na h-oileanaich
Broadcasts
- Thu 24 Aug 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Aug 2017 21:1391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal