Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taigh-Tasgaidh Beatha an Tuath, Cille Bhrìghde an Ear

Prògram sònraichte bho Thaigh-Tasgaidh Beatha an Tuath air iomall Chille Bhrìghde an Ear. Kenny and guests visit the National Museum of Rural Life, Wester Kittochside.

An-diugh tha Coinneach air chuairt aig Taigh-Tasgaidh Beatha an Tuath, faisg air Cille Brìghde an Ear. Tha 'n taigh-tasgaidh a' ruith air trì cheud bliadhna de dh'eachdraidh beatha dhaoine air an tuath agus obair an fhearainn. Tha an taigh-tasgaidh stèidhichte air tuathanas Wester Kittochside a tha fhathast ga obrachadh.

Ach tha seann taigh-tac an tuathanais an-diugh glèidhte aig Urras Nàiseanta na h-Alba. Bha am fearann seo aig an aon theaghlach, na Reids, fad ceithir cheud bliadhna gus an tug an aois air an tè mu dheireadh dhiubh, Mairead Reid, an taigh fhàgail aig an Urras Nàiseanta, dìreach bho chionn còig thar fhichead bliadhna.

Tha an taigh a-nise mar phàirt de chuairt an taigh-tasgaidh 's an cidsin, na seòmraichean, na h-innealan agus an àirneis traidiseanta, air an cumail mar a bha iad na latha.

Còmhla ri Coinneach an-diugh tha ceathrar aoighean a bha eòlach gu leòr air obair an tuath nan latha fhèin. 'S iadsan Alasdair agus Fiona NicAoidh às an Eilean Sgitheanach, Iain Thormoid Dòmhnallach às na Hearadh agus Coinneach Moireasdan à Leòdhas.
www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 28 Jul 2020 21:30

Broadcasts

  • Thu 3 Aug 2017 09:00
  • Thu 3 Aug 2017 21:13
  • Wed 7 Aug 2019 09:00
  • Wed 7 Aug 2019 21:00
  • Tue 28 Jul 2020 09:00
  • Tue 28 Jul 2020 21:30