Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' mìneachadh mar a bha Gàidheil eòlach air bathar bho air feadh an t-saoghail. Donald W Stewart talks about international trade in the Highlands.

Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag innse mu artaigil a tha e a' sgrìobhadh an-dràsta mu "Imperial Trades" air a' Ghàidhealtachd, mar a bhiodh Gàidheil air feadh taobh siar na Gàidhealtachd eòlach air bathar bho air feadh an t-saoghail tòrr na bu tràithe na shaoileadh sibh. Am measg a' bhathair bha tombaca, spìosraidhean, teatha, cofaidh agus buntàta.

Agus ged a tha an aimsir caran blàth mun àm seo dhen bhliadhna, cha leig sibh a leas sguir a dh'ithe brot. Tha Alasdair MacLeòid air ais anns a' chidsin airson sealltainn do Choinneach mar a nì sibh brotan fuar a' cleachdadh lusan agus measan an t-samhraidh.

Agus cluinnidh sibh còmhradh a rinn Coinneach le Pòl Mac Callum nuair a bha e air chuairt ann an Uibhist a Deas. Thàinig Pòl à Glaschu a dh'fhuireach ann an Gleann Dail ann an Uibhist a Deas nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Tha e ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig airson a chomasan a thaobh ceòl aig fèisean, mòdan agus cuirmean de gach seòrsa. Anns a' chòmhradh le Coinneach cluinnidh sinn fèin-eachdraidh Phòil agus sgeulachdan eile mu bheatha. bbc.co.uk/feasgar.

57 minutes

Last on

Thu 27 Jul 2017 21:13

Coinneach agus Pòl MacCallum taobh a-muigh an taighe

Coinneach agus Pòl MacCallum taobh a-muigh an taighe

Sealladh bhon taigh aig Pòl

Sealladh bhon taigh aig Pòl

Broadcasts

  • Thu 27 Jul 2017 09:00
  • Thu 27 Jul 2017 21:13