Coinneach madainn Diciadain
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhairt air ais le Gà idheal eile a tha airidh air urram. Donald W Stewart returns to talk about another Gael worthy of recognition.
Tha neach-teagaisg às a' Ghearastan air marathon a' ruith timcheall Eilean Hiort, beagan is sia thar fhichead mìle a dh' fhaid. Cha b' e slighe fhurasta a bh' ann a thug Bill Cameron glè fhaisg air stallachan is grìoban chunnartach an eilein. An-diugh gheibh sinn beachd air a' bhuaidh a th'aig an stuth a tha fo chasan nam feadhainn a bhios ri ruith leithid feur, greabhal, teà rr, gainmheach, creagan, clachan, morghan agus mar sin air adhart. A bheil diofar ann a bhith a' ruith air rathad còmhnard no far an rathad am measg chnuic is eile?
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le Gà idheal eile a tha airidh air urram, an t-seachdain 'sa an t-Urr. Dòmhnall MacCuithein, ministeir Chille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach a rinn na h-uidhir gus Dr Johnson a chuideachadh nuair a bha e fhèin agus James Boswell air chuairt.
Tha Ùisdean MacIllInnein air leabhar spòrs a thaghadh à Tasglann Nà iseanta na h-Alba agus an t-seachdain 'sa 's ann mu churaidhean spòrs a tha an leabhar.
Agus tha Murchadh Moireach a' mìneachadh a' chumhachd fusion niuclasach. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 19 Jul 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 19 Jul 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal