Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

An-diugh tha sinn a' cuimhneachadh air luchd-spòrs ainmeil a ghabh an caoch aig na farpaisean aca. We remember famous sports meltdowns over the years. bbc.co.uk/coinneach.

Tha Alasdair Macleòid air ais le tuilleadh biadhan freagarrach airson picnicean, an t-seachdain seo, saileadan agus deochan.

Tha Sam Dòmhnallach ag innse mar a rug tè de na caoraich aige còig uain as t-earrach 'sa chaidh. Tha Sam a' fuireach ann an Cladach a Bhaile Shear ann an Uibhist a' Tuath far a bheil e fhèin agus athair a' cumail mu sheachd ceud caora.

Tha Tormod Dòmhnallach, D K Mac a' Phì agus Ruairidh Alasdair MacIllinnein a' cuimhneachadh air luchd-spòrs ainmeil a chaill iad fhèin le caoch nuair a bha 'd a' cluich anns na farpaisean aca.

Agus tha a' chuid as motha againn air an sgeulachd dhuilich aig Charlie Gard a chluinntinn agus an sgeulachd a-nis air a dhol eadar-nàiseanta. Ann an Ameireagaidh tha cuid ag ràdh gu bheil seo na eisimpleir air carson nach eil còir aig seirbhis slàinte phoblach a bhith ann. Ach dè cho eadar-dhealaichte is a tha an t-suidheachadh ann an Ameireagaidh? Tha Mìcheal MacAoidh a' mìneachadh. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 13 Jul 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 13 Jul 2017 09:00
  • Thu 13 Jul 2017 21:13