Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Air an 13mh dhen Ògmhios 1917, ri solas an latha, thug plèanaichean Gearmailteach ionnsaigh chruaidh air Lunnainn. Chaidh còrr air 150 duine a mharbhadh agus faisg air 450 a leòn. Am measg nam marbh bha ochd sgoilearan deug à bun-sgoil ann am Poplar. Bha e air a ràdh nach robh daoine fhathast a' tuigsinn a' chunnart a dh'fhaodadh tighinn orra às an adhar agus, an àite a dhol ri fasgadh, gur ann a bha gu leòr a' dol a-mach a choimhead nam plèanaichean.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a ràinig am Màidsear-Seanailear Iain Eòsaph Pershing an Fhraing air an aon là.
Bha Pershing aithnichte mar shàr cheannard airm agus bha e eòlach air cogadh an dèidh a bhith sabaid an aghaidh tùsanaich Sioux agus Apache. Bha e air sabaid ann an Cùba, agus anns na Philippines agus b' e a bha air ceann an 10,000 saighdear a chaidh a Mheagsago a ghlacadh an Seanailear Rèabhlaideach, Pancho Villa, ann an 1915.

Nas fhaide dhen mhìos, a rèir Field Marshal Sir Dùghlas Haig, bha feachdan Bhreatainn air seasamh gu soirbheachail an aghaidh ionnsaigh a thug na Gearmailtich air na h-àiteachan dìon ùr a bha nise stèidhichte deas air a' Chanàl eadar Ypres agus Comines; air Loidhne Hindenburg an iar-thuath air Bullecourt, bha feachdan Bhreatainn air soirbheachadh; agus anns a' Chogadh anns an adhar, bha pìleatan Bhreatainn air sia plèan fichead Gearmailteach a sgrios gun ach trì a chall iad fhèin.

Ach bha an call a' leantainn agus, mar a chluinneas sinn an an aon naidheachd tiamhaidh ann an Gaseat Steòrnabhaigh, bha suidheachaidhean cianail a' tachairt ri cuid a bha a' faighinn dhachaigh air fòrladh cuideachd.

Agus bha sgeulachd iongantach an Gazette Steòrnabhaigh mu fhear a mhuinntir a' Bhac - Ruaraidh Dòmhnallach, mac Mhurchaidh Phortair. Bha e air a bhith sna naidheachdan ron a seo, e fhèin is gille a mhuinntir Loch an Inbhir, nuair a chuir iad bàt-aigeil Gearmailteach fodha is a fhuair Ruaraidh leth-cheud not mar thaing bhon fheadhainn leis an robh am bàta air an robh iad. An turas seo bha iad air bàta, nach fhaodadh am pàipear ainmeachadh, 240 mile bho thìr, nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt oirre le bàt'-aigeil. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig mun uabhas a thachair.

Agus air an 29mh den Ògmhios 1917, an dèidh faisg air bliadhna a thoirt ann, b' fheudar do Iseabail Ros Ostrovo fhàgail - agus cha b' ann dha deòin mar a chluinneas sinn.

30 minutes

Last on

Sun 9 Jul 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 3 Jul 2017 12:00
  • Mon 3 Jul 2017 22:00
  • Sun 9 Jul 2017 13:00