Coinneach madainn Diciadain
A thuilleadh air a bhruich no air a shailleadh dè na reasabaidhean eile a th'ann airson sgadan. Coinneach Maclomhair asks about how to cook herring, other than boiling or salting.
A bheil burraidheachd bitheanta ann am poilitigs? Air a' mhìos seo fhèin tha mòran ghearainean air nochdadh mun seòrsa slà raigeadh a tha cuid a luchd-poilitigs a' faighinn, an dà chuid an taobh a-staigh na h-oifisean aca fhèin agus bho na meadhanan. Cluinnidh sinn beachdan bho luchd-naidheachd air a' chuspair.
Thèid film a dhèanamh a dh' aithghearr, The Darkest Hour, a tha stèidhichte air sgeulachd fìor mu thriùir shaighdearan Gà idhealach, a bh' anns an Dà rna Cogadh. B' ann do Bhaile a' Chaolais a bhuineadh Uilleam Kemp, Sandy Dòmhnallach agus Seumas MacUilleim agus thug iad a chreidsinn air na Nazis gur e Ruiseanaich a bh' annta, le bhith bruidhinn na Gà idhlig. Cluinnidh sinn an tuilleadh mun deidhinn agus an sgeulachd iongantach aca.
Agus sgadan - biadh nan Gaidheal. Se sin a th'aig a' chòcaire Alasdair MacLeòid an t- seachdain seo. Gheibh Coinneach blas air sgadan air ullachadh agus air a bhruich ann an iomadh seòrsa dòigh. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 21 Jun 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Jun 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal