Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Suidheachadh ball-coise na h-Alba aig àm na Lisbon Lions an coimeas ri ball-coise an latha an-diugh. A look back at Scottish football in the days of the Lisbon Lions.

An-diugh tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Ceannard Sgoil Seumas GhillEasbuig ann an Dùn Èideann air ùr-thilleadh bho turas gu Sìona. Bha e an cois buidheann a bha a' rannsachadh foghlam, dòighean teagasg agus dòighean ionnsachaidh Shìona. Dè fhuair iad às?

As an sin, tha sinn a' togail cheistean mu aithrisean-naidheachd a th'air nochdadh mu chomasan litreachas agus cunntais clann-sgoile Alba. A rèir choltais, tha na comasan aca air ìsleachadh gu mòr. Dè as coireach? Agus dè a ghabhas dèanamh mu dheidhinn? Cluinnidh sinn cuideachd bho fheadhainn a tha a' fuireach ann an dùthchanan a tha a' faighinn àrd-mholadh mar an fheadhainn aig a bheil na siostaman foghlam as fheàrr san t-saoghal.

Agus ann am pìos fa leth, ach fhathast aig foghlam, cluinnidh sinn mu phoileasaidh ùr a tha Riaghlatas na h-Eire an impis a chuir an sàs airson foghlam tro mheadhan na Gaelige ann an sgìrean na Gaeltachta.

Tha 50 bliadhna ann an-diugh bhon a choisinn Celtic Cupa na h-Eòrpa le sgioba cho ainmeil sa bh'aca riamh. Cluinnidh sinn bho cheathrar a tha mion-eòlach air ball-coise, cuid aig a bheil cuimhne air an sgioba ainmeil ris an canar na Lisbon Lions. Tha sinn a' cuimhneachadh cuideachd air suidheachadh ball-coise Alba aig àm na Lisbon Lions agus a' dèanamh coimeas eadar sin agus ball-coise an latha an-diugh. www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 25 May 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 25 May 2017 09:00
  • Thu 25 May 2017 21:13