Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh cionta, cogais agus moraltachd

An-diugh tha Aonghas Phàdraig Caimbeul air ais le leabhar ainmeil eile mun Ghàidhealtachd. Angus Peter Campbell is back with another famous book on the Highlands.

An-diugh tha Aonghas Phàdraig Caimbeul air ais le leabhraichean is sgrìobhaidhean ainmeil bhon Ghàidhealtachd. Gach seachdain tha e a' taghadh leabhar eadar-dhealaichte agus an t-seachdain seo se Ortha nan Gàidheal neo Carmina Gadelica a th' aige

Le ceud bliadhna ga chomharrachadh bhon a thachair Ar-a-mach na Ruis, tha Niall Bartlett a' toirt sgrìob eile tro eachdraidh na Ruis ann an 1917. An-diugh cluinnidh sinn mar a bha e a' failleachadh air na Ruiseanaich riaghaltas eadar-amail, seasmhach a stèidheachadh agus mu na pàrtaidhean, na fheallsanachdan agus na daoine a bha a' farpais airson cumhachd mus d'fhuair na Bolsheviks smachd orra san Dàmhair.

Agus dè a th'ann an cionta, cogais agus moraltachd? Tha bàs am murtair Ian Brady air tòrr còmhradh a thogail às ùr mun a seo. Dè na comharran a tha ag innse nach eil inntinn àbhaisteach ann an fear neo tè? An aithnich thu sin orra bho aois thràth? De as coireach ris? Agus a bheil difear eadar cionta, cogais agus moraltachd? Ceistean a tha Coinneach a cuir air an saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid agus Iain Eàirdsidh Mac a'Mhaoilein a tha an sàs ann an obair sòisealta sa bha ag obair ann am prìosain. www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 23 May 2017 21:00

Broadcasts

  • Tue 23 May 2017 09:00
  • Tue 23 May 2017 21:00