Coinneach Dimà irt
Sùil air The Day The Dinosaur Died, prògram a bh' air 91Èȱ¬2 an-raoir a thug sùil à s ùr air na thachair dha na beathaichean eagallach seo. A review of The Day the Dinosaur Died.
Thairis air an deireadh sheachdain, tha sinn air a bhith a' cluinntinn mu na mìltean de choimpiutairean air feadh an t-saoghail, a tha an dèidh fulang le ionnsaighean didseatach. Chaidh siostaman an NHS ann an Alba agus Sasainn - cuid sna h-eileanan an Iar - a bhriseadh le bhìoras a bha a' glasadh choimpiutairean. Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh ma thachras seo dhuinn fhèin? A bheil e na chunnart gun tachair e barrachd san à m ri teachd? Gheibh sinne beachd bho dhithis a tha eòlach air saoghal an teicneòlais.
Cha bheag na leabhraichean is na sgrìobhaidhean ainmeil a tha againn bhon Ghà idhealtachd agus bho na h-eileanan. Gach seachdain tha sinn gu bhith cluinntinn mu dheidhinn leabhar eadar-dhealaichte bhon sgrìobhadair Aonghas Phà draig Caimbeul. An-diugh Folksongs and Folklore of South Uist le Mairead Fay Shaw.
Tha sinn uile eòlach air an fhacal dinosaur. Creutairean mòra eagallach a bha, a-rèir eòlaichean, beò airson bliadhnaichean mòra gus an deach cuir à s dhaibh le comaid o chionn 65 millean bliadhna. Air The Day the Dinosaur Died an-raoir air 91Èȱ¬2, thug iad sùil à s ùr air na thachair - agus carson a bhà saich teaghlach de dh' ainmhidhean a bha riaghladh an t-saoghail son linntean gu math nas fhaide na tha mac an duine air a bhith air an talamh. Cluinnidh sinn beachdan bho Iain MacNèill agus Aonghas Dòmhnallach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 16 May 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 May 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal