Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Lèirmheas air prògram ùr, Cuir is Buain, a bhios air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal an-diugh fhèin. Including a review of Cuir is Buain ahead of its airing on 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal.

An-diugh dè a dh' fhàgadh dà dhùthaich Eòrpach ri obair-brathaidh? An t-seachdain sa chaidh nochd casaidean 'sa Ghearmailt mu obair-brathaidh air cunntasan banca dìomhair san Eilbheis. Dè a bh'air a chùl? Tha an t-eòlaiche-ionmhais Coinneach MacMhathainn a' mìneachadh na cùis.

Toiseach an t-samhraidh agus tha gàirnealairean a fàs trang. Tha Coinneach ann an còmhradh ri ceathrar a th' air a bhith trang anns an leas. Cluinnidh sinn mu phròiseact ann an Glaschu a tha toirt cothrom do dhaoine am biadh fhèin fhàs agus ionnsachadh mun eòlas slàinte a tha na chois. Agus cluinnidh sinn cuideachd mu phrògram ùr, Cuir is Buain, a bhios air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal an diugh fhèin.

Agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le gearr-chunntas air Gàidheal eile a tha airidh air urram ach air nach cuala sinn mòran. An-diugh Gilleasbuig Mèinnearach à Obar Pheallaidh ann an Siorrachd Pheairt (1754-1842). 'S e eòlaiche-lusan a bh' ann a chaidh timcheall an t-saoghal dà thuras a' tional a chuid-aibheach de phlanntraisean agus tha iomadh lus is craobh air ainmeachadh as a dhèidh. www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 11 May 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 11 May 2017 09:00
  • Thu 11 May 2017 21:13