Episode 47
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Thà inig droch naidheachd eile aig muir air an 21mh den Mhà irt 1917 leis an t-soitheach ospadail, Asturias dha cur fodha le torpìodo Gearmailteach far Rubha Start faisg air Devon. Bha an Asturias air seirbheis fhaicinn aig Gallipoli, an Èipheit agus Salonika a' toirt shaighdearan a bh' air an leòn gu sà bhailteachd, nam measg an sgrìobhaiche ainmeil J.R.R Tolkien a dh'fhuiling le fiabhras-trainnse aig Blà r an Somme. Bha i air a slighe bho Avonmouth gu Southampton às dèidh mìle saighdear leònte a chur air tìr an uair a chaidh a bualadh leis a' bhà t-aigeil Gearmailteach UC-66. Gheibh sinn fios bho Ghilleasbuig macDhòmhnaill mar a thachair.
Latha na Sà baid, an 18mh den Mhà irt 1917, tha leabhar-latha Dhòmhnaill MhicÌomhair, Dòmhnall a' Bhotch à Tolastadh bho Thuath an Leòdhas ag innse mu na h-oidhirpean a rinn e fhèin 's a charaidean faighinn gu tìr bhon t-soitheach aca a bh' air acair far Malta airson faighinn gu seirbheis eaglais ann an Valetta. Cluinnidh sinn cuideachd mar a chaidh seirbhis Ghà idhlig a chur air dòigh dhaibh às dèidh sin.
Air an 29mh den Mhà rt 1917 chaidh deasbad a chumail ann an Taigh nan Cumantan mu ath-leasachadh bhòtadh far an do dh'innis an seann Phrìomh Mhinistear Liberalach, Herbert Asquith gun robh e air inntinn atharrachadh agus gum bu chòir a' bhòt a thoirt do bhoireannaich. Am measg nan adhbharan a thug e seachad airson inntinn atharrachadh bha an obair a bha boireannaich air a dheà namh sa chogadh.
Nas fhaisge air an taigh b' e còraichean fearainn bu mhotha a bh' air aire saighdearan à Leòdhas a bha air sgrìobhadh gu Bòrd an Àiteachais ag iarraidh gum biodh fearann air a ghealltainn dhaibh an uair a bhiodh an cogadh seachad. Nochd litir mar fhreagairt ann an Gaseat Steòrnabhaigh aig deireadh na seachdain seo ann a 1917. Cluinnidh sinn dè a bh' innte.
Air an latha mu dheireadh den Mhà irt, 1917, dh'fheuch Ìompaire na h-Ostaire, an Ciad Rìgh Teà rlach, ri rèite dhìomhair a ruighinn leis an Fhraing a bheireadh an cogadh gu ceann. B' e seo oidhirp ris an canar an 'Sixtus Affair'. Bha Teà rlach am beachd a bhrà thair-cèile, am Prionnsa Sixtus bho Bourbon-Parma, 's a bha na oifigear ann an Arm na Beilg a chleachdadh mar eadar-mheadhanair. Bha cùmhnantan aig an Fhraing mus aontaicheadh i agus cha deach dhan aonta mar a gheibh sinn a-mach.
Thà inig dearbhadh gu robh na Stà itean Aonaichte gu foirmeil air cogadh a ghairm an aghaidh na Gearmailt air an 6mh den Ghiblean 1917. Às dèidh dhan Chòmdhail gabhail ri moladh a' Chinn-suidhe Wilson dà là ron a sin, chaidh a dhaingneachadh le Taigh nan Riochdairean a bhòtadh airson a' mholaidh le 373 air a shon agus 50 na aghaidh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 10 Apr 2017 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Apr 2017 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2017 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal