Rabhaidhean Niùclasach nan 80an
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là . Daily debate and discussion with Kenny MacIver.
Tha mòran a' fàs gu math draghail mu shuidheachadh niùclasach Chorea a Tuath. Tha eagal ann, air sgà th 's gu bheil an dùthaich cho dùinte, nach eil fios le cìnnt dè cho fad air adhart sa tha iad le cumhachd niùclasach. A bheil da-rìreabh cunnart ann gu bheil cogadh niùclasach a cheart cho buailteach tachairt 's a bha e anns na h-Ochdadan?
Tha Coinneach air iarraidh air triùir - Murchadh Moireach, Murchadh Peutan agus Aonghas MacAòidh - sùil a thoirt air duilleag-fiosrachaidh a dh'ullaich an Riaghaltas ann an 1980. Thug iad stiùireadh seachad air dè a bu chòir a dhèanamh nam biodh cogadh no ionnsaigh niùclasach ann. Dè cho ciallach agus cho cothromach sa bha e? Agus dè na cuimhneachain a th' aca fhèin air an à m?
Cuideachd an-diugh, tha briathran fear a bha na Phrìomhaire air Breatainn, Gòrdan Mac Ille Dhuinn, air còmhradh a thogail mu feadaraileachd. Bidh Coinneach ann an còmhradh ri feadhainn a bheir am beachd fhèin seachad air an seo mar dhòigh-riaghlaidh. Dè th' ann? Dè mar a dh'obraicheadh feadaraileachd ann am Breatainn agus dè na dùthchannan anns a bheil e stèidhichte?
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 21 Mar 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 21 Mar 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal