Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Aonghas Dòmhnallach

Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Angus MacDonald.

An-diugh, cluinnidh sinn an sgeulachd beatha aig Seumas Mac a' Bhàillidh Friseal às An Rèilig ann an Siorrachd Inbhirnis. Rugadh e ann an 1783, am fear a bu shine ann an teaghlach de chòignear bhalach. B' e sgrìobhaiche agus fear-ealain a bh' ann a chruthaich obair stèidhichte air cuairtean a ghabh e ann an Àisia agus anns na h-Innseachean. Bidh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag innse an tuilleadh mu dheidhinn.

Tha a' Mhàrt aithnichte mar àm math airson rùbrab a bhuain. Dè an dòigh as fheàrr rùbrab math fhàs agus dè na rudan blasta a ghabhas a dhèanamh leis? Bidh gàirneilearean agus còcaire cuide ri Aonghas, a th' air a bhith gu math soirbheachail leis a' rùbrab aige fhèin!

Agus tha deagh naidheachd air a thighinn gu na Crìochan ri linn an rathad-rèile ùr a th' air a bhith ruith tron sgìre bho 2015. Tha obraichean ùra air a thighinn agus fad a bharrachd luchd-turais a' tadhal san sgìre bho thòisich an t-seirbheis. Dè na seann slighean-rèile eile a bu mhiann le daoine fhaicinn a' fosgladh as ùr? Bidh triùir a tha dèidheil air cuairtean-rèile, Mark Wringe, Alasdair MacCaluim agus Dòmhnall Meek, a' toirt am beachd fhèin seachad.

www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 16 Mar 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 16 Mar 2017 09:00
  • Thu 16 Mar 2017 21:13