Cò a bh'anns a' Mhorair Sìm Friseal.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhith a' rannsachadh cò bh' anns a' Mhorair Sìm Friseal. Donald William Stewart has been finding out who Lord Simon Fraser was.
Chaidh Michelin star a thoirt le mearachd do chafe ann am baile beag anns an Fhraing agus bho fhuair iad an duais tha an t-uabhas dhaoine air nochdadh ann a' lorg greim bìdh spaideil. Tha Coinneach a' faighinn facal ri triùir a bhios a' dèanamh mòran draibheadh mar phà irt den obair aca ach dè na h-à iteachan bìdh ri taobh nan rathaidean mòra a mholadh iadsan.
Tha luchd saidheans an dòchas dearbhadh gu bheil an dust aig a' Mhorair Sìm Friseal air a thiodhlaigeadh faisg air Inbhir Nis. Chaidh cuir às dheth ann an Lunnainn leis gu robh e a' toirt taic do Theà rlach Òg Stiùbhart. Bhathas ag rà dh gu robh an corp aige ann an Lunnainn ach tha cuid ag rà dh gun deach a thoirt a dh' Alba agus gu bheil e ann an ciste am broinn Mausoleum Wardlaw aig Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis. Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhith a toirt sùil air ais air cò a bh' ann an Sìm Friseal.
Tha Mata MacÌomhair a' cuimhneachadh sgeulachd an SS Mendi a chaidh fodha anns a' Chaolas Shasannach bho chionn ceud bliadhna. Chaidh an soitheach a bualadh le bà ta-smùide ann an ceò faisg air an Isle of Wight agus chaidh sia ceud duine a chall anns an tubaist. B' ann à Afraga a Deas a bha na fir a bha a' siubhal air an t-slighe dhan Fhraing airson cuideachadh an aghaidh nan Gearmailteach.
Bhà saich an Ridire Peadar Mansfield, a' chiad duine a leasaich Magnetic Resonance Imaging no sganaichean MRI. Tha Murchadh Peutan air a bhith a' rannsachadh sgeulachd beatha Mansfield a bha ceithir fichead 'sa trì nuair a chaochail e. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 22 Feb 2017 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Feb 2017 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal