Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' leantainn sgeulachd naidheachd mhaireannach

Am fàs luchd naidheachd sgìth ag aithris air naidheachdan maireannach? Coinneach MacIomhair asks if journalists get tired of reporting long-running news stories.

Tha còrr agus dà mhìos bho chaidh an crann-ola an Transocean Winner air na sgeirean ann an Daile Mòr ann an Leòdhas agus chan eil mòran fois air a bhith aig luchd-naidheachd bhon uairsin ag aithris air gach tionndadh anns an sgeulachd. Bha Aonghas Dòmhnallach gu h-àraidh air a chumail trang. An do chòrd e ris a bhith aig an aon sgeulachd fad ùine no an robh e searbh dhith. A bheil toilichte gu leòr a cùl fhaicinn a-mach às a' Loch a Tuath a dh' aithghearr?

Cluinnear cuideachd bho luchd-naidheachd eile a bha ag obair air na h-aon sgeulachdan airson ùine mhaireannach, Alasdair Moireasdan a bha a' leantainn cuaraidh Lingreabhaigh, Anna NicLeòid a tha air a h-uile tionndadh ann an sgeulachd Brexit fhaicinn, Tormod MacLeòid reifreann na h-Alba, Tormod Caimbeul air BCCI, Murchadh MacLeòid cosgais togallach Pàrlamaid na h-Alba agus Padraig MacAmhlaigh crìonadh obrach Leaghadair Inbhir Ghòrdain. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Mon 2 Jan 2017 21:00

Broadcasts

  • Mon 2 Jan 2017 09:00
  • Mon 2 Jan 2017 21:00