Main content
Sorry, this episode is not currently available

Leasachadh air ball-coise ann an Alba

Beachdan bho thriùir eòlaichean air na leasachaidhean a tha a dhìth air ball-coise na h-Alba. Three experts discuss what developments are needed for Scottish football.

Nuair a chaidh Malky MacAoidh fhastadh mar Stiùiriche Leasachaidh Comunn Ball-coise na h-Alba an t-seachdain sa chaidh thog e gu leòr deasbad air dè cho freagarrach sa bha e airson na h-obrach. Ach a-nise tha an còmhstri seachad agus an SFA a' cumail ris a' cho-dhùnaidh a rinn iad a thaobh MacAoidh. Gheibh sinn an-diugh beachdan bho thriùir eòlaichean dè dìreach na leasachaidhean a tha a dhìth air ball-coise na h-Alba.

Tha Tormod Dòmhnallach, Neach Gairm Comhairle nan Eilean Siar a' mìneachadh suidheachadh ionmhais nan Comhairlean Ionadail.

Tha Ruairidh MacIlleathain air tilleadh bho thuras a dh' Astràilia. Fhad 's a bha e ann chaidh e gu Eilean a' Mhorair Howe (Lord Howe Island) airson beagan làithean. Ma bheir sibh sùil air an eadar-lìon chì sibh gur e àite sònraichte a th' ann. Tha Ruairidh a' toirt dhuinn dealbh den Eilean a tha na laighe anns a' Chuan Sèimh agus a tha air liosta clàraidh Dualchas na Cruinne.

Agus an laoidh Nollaig mu dheireadh ann an streath na bliadhna 'sa leis an t-Urramach Ruairidh MacLeòid. An-diugh tha Ruairidh ag innse an eachdraidh air cùlaibh O thigibh a Chaomh Shluagh. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 20 Dec 2016 21:00

Broadcasts

  • Tue 20 Dec 2016 09:00
  • Tue 20 Dec 2016 21:00