Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè a bhios gar cuir gu gàireachdaich?

Cirealaich gu leòr an t-seachdain seo agus sinn a' faighneachd dè a bhios gar cuir a ghàireachdaich. Aileag asks listeners what sends them into fits of laughter.

Dè na rudan a bhios gar cuir gu gàireachdaich? Tha sgoilearan Bun-sgoil an Taobh Siar ann an Leòdhas ag innse dhuinn mu na rudan a tha a' toirt toileachas dhaibh 's sinn a' comharrachadh gur e Latha Nàiseanta Fiamh a Ghàire a th' ann.

Cuideachd le seachdain ri dhol mus tòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns na h-Eileanan an Iar tha sinn a' faighinn a-mach mar a tha a' dol dhuibh ag ullachadh mu choinneamh. An t-seachdain sa tha sinn a' cluinntinn bho sgoilearan Sgoil a' Bhac.

Tha Catrìona air ais le beachd air mar as urrainn dhuinn frèama-dhealbhan a dhèanamh aig an taigh.

Tha Marie a' beachdachadh air na rudan as fheàrr mu dheidhinn àm an Fhoghair.

Agus tha sinn a' tilleadh gu Bun-sgoil Steòrnabhaigh ann an Leòdhas airson faighinn a-mach dè an t-àite as fheàrr le clas a còig agus sia.

Sin agus na th' air a bhith a' treandadh an t-seachdain sa. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 8 Oct 2016 12:00

Broadcast

  • Sat 8 Oct 2016 12:00