Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' leantainn sgeulachd naidheachd mhaireannach

Am fàs luchd naidheachd sgìth ag aithris air naidheachdan maireannach? bbc.co.uk/coinneach. Do journalists get tired of reporting long-running news stories?

Tha còrr agus dà mhìos bho chaidh an crann-ola an Transocean Winner air na sgeirean ann an Daile Mòr ann an Leòdhas agus chan eil mòran fois air a bhith aig luchd-naidheachd bhon uairsin ag aithris air gach tionndadh anns an sgeulachd. Bha Aonghas Dòmhnallach gu h-àraidh air a chumail trang. An do chòrd e ris a bhith aig an aon sgeulachd fad ùine no an robh e searbh dhith. A bheil toilichte gu leòr a cùl fhaicinn a-mach às a' Loch a Tuath a dh' aithghearr?

Cluinnear cuideachd bho luchd-naidheachd eile a bha ag obair air na h-aon sgeulachdan airson ùine mhaireannach, Alasdair Moireasdan a bha a' leantainn cuaraidh Lingreabhaigh, Anna NicLeòid a tha air a h-uile tionndadh ann an sgeulachd Brexit fhaicinn, Tormod MacLeòid reifreann na h-Alba, Tormod Caimbeul air BCCI, Murchadh MacLeòid cosgais togallach Pàrlamaid na h-Alba agus Padraig MacAmhlaigh crìonadh obrach Leaghadair Inbhir Ghòrdain. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 13 Oct 2016 21:13

Broadcasts

  • Thu 13 Oct 2016 09:00
  • Thu 13 Oct 2016 21:13