Main content
Sorry, this episode is not currently available

Maighdinn-mhara ann am beul aithris

Ciamar a tha sgoiltean a' dèiligeadh le burraidheachd agus gràin-cinnidh anns na sgoiltean? Coinneach Maclomhair looks at how schools deal with bullying and racial hatred.

Nochd sgeulachd anns na pàipearan an t-seachdain 'sa mu bhalach aois sia bliadhna a bha a' fulang burraidheachd air sgàth dath a chraicinn, agus dithis bhalach eile ag obair air 's gun iad fhèin ach sia agus deich bliadhna a dh'aois. Cluinnear an-diugh bho cheannard sgoile mar a tha iad a' dèiligeadh le gràin-cinnidh agus burraidheachd anns an raon-sgoile.

Le aithris ann am pàipear ionadail mu sgeulachdan bho shean mun mhaighdeann-mhara a' piobrachadh còmhraidh, tha sinne a' dol a thasglann a' phrògram gus an cluinn sinn na sgeulachdan a bha an t-Ollamh Iain Mac Aonghais agus Criosaidh Lawson a' rannsachadh agus a' faighinn.

Tha barrachd den luibh peirsill ga reic ann am Breatainn, le còrr air an treas cuid a bharrachd air a reic am bliadhna. Tha Calina NicDhòmhnaill air rannsachadh a dhèanamh air peirsill agus innsidh i dhuinn mar a thèid againn fhèin air fhàs gu math furasta agus mar a chuireas sinn gu feum e airson blas a chur air biadh.

Gheibh sinn mìneachadh air an luach a th' ann do bhuidhnean a bhith air an stèidheachadh mar carthannas. Ciamar is dè cho duilich is a tha e seo a chur air dòigh is dè na buidhnean a tha airidh air na buannachdan a thig na chois? bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 5 Oct 2016 09:00
  • Wed 5 Oct 2016 21:00