Main content
Sorry, this episode is not currently available

06/10/2016

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. News, debate, music and entertainment with Cathy MacDonald.

An-diugh, tha Mairead NicSuain a' toirt beachd air dealbh-chluich a tha an-dràsta ri fhaicinn ann an Dùn Èideann ach a chaidh a sgrìobhadh bho chionn 2,500 bliadhna! Tha The Suppliant Woman a' leantainn sgeulachd leth-cheud boireannach a tha a' cur an cùl rim beatha làitheil an ceann a tuath Afraga 's a' dèanamh às, tarsainn na Mara Meadhanaiche. Chaidh a sgrìobhadh le Aeschylus, fear de sgrìobhaichean Clasaigeach na Grèige. A bheil e cheart cho buntainneach dhuinn san là an-diugh?

Bidh Cathy cuideachd ann an còmhradh ri Sandra Mhoireach, 's i air ùr thilleadh bho Seachdain Fasan Pharis san Fhraing.

Agus gheibh sinn beachd air prògram a chaidh fhaicinn air 91Èȱ¬2 a-raoir: A World Without Downs Syndrome? Chaidh am prògram a chur ri chèile leis a' chleasaiche, Sally Phillips, aig a bheil balach, aois 12 bliadhna, air a bheil Downs. Tha Sally a' togail cheistean mu de seòrsa sealladh a th' aig luchd-meadaigeach air Downs agus mun seòrsa stiùir a tha iad a' toirt do phàrantan nuair a gheibh iad a mach gum bheil leanabh le Downs gu bhith aca. Bidh Cathy ann an còmhradh ri pàrantan a bha coimhead a' phrògram 's aig am bheil clann le Downs iad fhèin.

Sin agus ceòl gu leòr aig www.bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 6 Oct 2016 12:33

Music Played

  • Moon Taxi

    All Day All Night

    • Daybreaker.
    • 12th South Records.
    • 002.
  • Rebecca Ferguson

    Bones

    • Superwoman.
    • Simco Ltd..
    • 001.
  • The 1975

    Paris

    • I Like It When You Sleep, for You Are So Beautiful Yet So Unaware of It.
    • Dirty Hit.
    • 015.
  • The Shires

    My Universe

    • My Universe.
    • Lucky Chair Limited.
    • 001.

Broadcast

  • Thu 6 Oct 2016 12:33