14/09/2016
A bheil Taigh nan Cumantan a' freagairt air poilitigs na linne seo? Coinneach Maclomhair asks if the House of Commons is suited to modern politics.
Nochd beachd bhon Bhall Pà rlamaid Molly Scott Cato gum bu chòir dhuinn Taigh nan Cumantan a dhùnadh agus a' Phà rlamaid a ghluasad gu baile eile ann an Sasainn. Tha i air a beachdan fhoillseachadh agus Buill Pà rlamaid agus Mòrairean a' gluasad a-mach à Taigh nan Cumantan ri lìnn obair leasachaidh a thathas a' dèanamh air an togalaich. Tha Molly Cato a' smaointinn gu bheil an t-siostam pà rlamaid dà phartaidh air a bheil an togalach stèidhichte seann-fhasanta is nach tig adhartas gus an gluais an togalach a-mach à Lunnainn is gun tig togalach le cruth nas freagarraiche air deasbad a thogail. Gheibh sinne beachd bho eòlaichean poilitigs.
Tha rannasachdh air sealltainn gu bheil deugairean nas bualtaiche a dhol gu am mà thraichean no gu caraid le trioblaidean na a bhith a' dol a bhruidhinn rin athraichean. A bheil seo fìor? Dè cho fosgailte 's a tha clann lem pà rantan?
Tha Agatha Christie ann an Leabhar Chlà ran Guinness oir 's i an sgrìobhadair as fhèarr a reic de leabhraichean a-riamh. Cluinnear bho Sheonag Monk mu beatha Agatha Christie agus cluinnear còmhradh farsaing mu leabhraichean ficsean eucoir is dè an tarraing a tha annta do dhaoine.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 14 Sep 2016 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Sep 2016 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal