Main content
Sorry, this episode is not currently available

Biadh fallain bhon Mheadhan-thìreach le Alasdair MacLeòid

Biadh Meadhan-thìreach le Alasdair MacLeòid. A look at Mediterranean food with Alasdair MacLeod.

Chaidh Aonghas Moireach a bha bliadhnaichean na chaiptein aig muir agus a bha ag obair aig na Maoir-chladaich ann an Steòrnabhagh a dh'èisteachd ri òraid bho Sylvia Tervoort an raoir. 'S i Sylvia ceannard an luchd-saoraidh a tha ag obair air a' chrann-ola, an Transocean Winner. Tha i ainmeil na dreuchd agus tha i air a bhith os cìonn obraichean mhòra dhan t-seorsa seo roimhe; 's ann oirre a bha uallach an Costa Concordia. Innsidh Aonghas dhuinn dè shaoil e dhen òraid.

Tha ceistean a' nochdadh fad na h-ùine mu cho cothromach 's a tha siostam onairean na Banrigh, le ceistean an-dràsta sna naidheachdan air am bu chòir aig leithid Sir Philip Green agus Sir Richard Branson an tiotal rìdire a chall. Tha Tommy MacAsgill air rannsachadh a dhèanamh air feadhainn a tha air na h-onairean aca a chall roimhe seo - cò iad agus carson.

Gheibh sinn sgeulachd beatha Emmanual Macron bho Jessie Boydell, is cuid dhen bheachd gun cuir esan e fhèin air adhart airson Ceannard na Frainge.

57 minutes

Last on

Thu 1 Sep 2016 21:13

Broadcasts

  • Thu 1 Sep 2016 09:00
  • Thu 1 Sep 2016 21:13