Muinntir Innis Tìle a' caismeachd air srà idean Reykjavik
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là . Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
An-diugh cluinnidh sinn an naidheachd as ùire à Innis Tìle far a bheil na mìltean air a bhi a' caismeachd 's a togail fianais an aghaidh Prìomhaire na dùthcha às dèidh dha a bhi air ainmeachadh am measg pà ipearan Panama. Tha sinn cuideachd a' faighneachd dè tha a gluasad dhaoine gus tighinn còmhla agus an guthan a thogail aig amannan far a bheil sgainneal, staing neo eigin? A bheil daoine an-diugh nas diùid, neo mu dh'fhaodte nas leisg, 's nach eil iad a' togail fianais mar a b'abhaist dhaibh? A bheil na meadhanan sòisealta ga dhèanamh nas fhasa gearainean 's draghan a chraoladh, ach a bheil sin cho èifeachdadh?
Chaidh bana-sheòladair a thiodhlaigeadh aig muir air an deireadh sheachdain às dèidh dhith bà sachadh ann an tubaist air bòrd iacht a bha an sàs ann an rèis tarsainn a Chuain Shèimh. Chan ann tric a bhios sinn a cluinntinn mu dheidhinn daoine a bhith air an tiodhlacadh san dòigh seo. Cha mhòr nach e cleachdadh a th'ann a bhuineadh do linn eile, ach bi e fhathast a' tachairt an drà sta 'sa rithist. Mìnichidh an Caiptean Calum MacIlleathain dè na riaghailtean agus na cleachdaidhean a tha a dhìth airson neach a thiodhlacadh aig muir agus dè na h-uallachaidhean a th'air sgiobair an t-soithich?
Agus tha Pà draig MacAoidh an seo le triùir ghaisgich agus an t-seachdain seo cluinnidh sinn mu David Attenborough, Mary Shelley, agus James Joyce. bbc.co.uk/coinneach
Chaidh bana-sheòladair a thiodhlaigeadh aig muir air an deireadh sheachdain às dèidh dhith bà sachadh ann an tubaist air bòrd iacht a bha an sàs ann an rèis tarsainn a Chuain Shèimh. Chan ann tric a bhios sinn a cluinntinn mu dheidhinn daoine a bhith air an tiodhlacadh san dòigh seo. Cha mhòr nach e cleachdadh a th'ann a bhuineadh do linn eile, ach bi e fhathast a' tachairt an drà sta 'sa rithist. Mìnichidh an Caiptean Calum MacIlleathain dè na riaghailtean agus na cleachdaidhean a tha a dhìth airson neach a thiodhlacadh aig muir agus dè na h-uallachaidhean a th'air sgiobair an t-soithich?
Agus tha Pà draig MacAoidh an seo le triùir ghaisgich agus an t-seachdain seo cluinnidh sinn mu David Attenborough, Mary Shelley, agus James Joyce. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Apr 2016 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Apr 2016 21:1391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal