Episode 28
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Bha artaigilean ann an cuid de na p脿ipearan-naidheachd G脿idhealach meadhan a' Ghearrain 1916 mun bhuaidh a bha aig a' Chogadh, a bha nise air a bhith dol bliadhna gu leth, air c霉isean aig an taigh, is gu h-脿raidh na duilgheadasan a bha an cois gluasad dhaoine agus stuth bho aon cheann dhen d霉thaich chun a' chinn eile.
Tha 'Litir Ghlaschu' anns an Ross-shire Journal air an 18mh ag innse mu ghoireas 霉r ann an St猫isean na B脿nrigh ann an Glaschu a bha feuchainn ri c霉isean a dh猫anamh nas fhasa dha na saighdearan a bha air ais is air adhart 脿s a' Chogadh.
Bha duilgheadasan 脿raidh aig tuathanaich sa cheann-a-tuath a' faighinn biadh is bathar eile chun nam bailtean aig deas far an robh cruaidh fheum air. Chaidh coinneamh a chumail an Inbhir Nis air an t-seachdain seo ann a 1916 eadar riochdairean o na colaistean 脿iteachais agus B貌rd an 脌iteachais airson feuchainn ri freagairt fhaighinn dhan a' cheist seo. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDh貌mhnaill mu na draghan a bh' ann.
Th貌isich Bl脿r Verdun air an 21mh den Ghearran 1916, nuair a thug C貌igeamh Arm na Gearmailt ionnsaigh air na gearastain Fhrangach air bruaich Abhainn Meuse, an ceann an ear-thuath na Frainge. B' e an t-amas a bh' aig a' chiad ionnsaigh seo smachd fhaighinn air talamh 脿rd C么tes de Meuse, rud a bheireadh dhaibh sealladh math air baile Verdun agus cothrom losgadh air an Arm Fhrangach bho os-脿rd. Cluinnidh sinn sa phr貌gram mar a chaidh dhaibh.
Mar a b' fhaide bha an cogadh a' dol air adhart, bha e a' toirt barrachd is barrachd buaidh air beatha dhaoine aig an taigh, mar eisimpleir a' cur suas phr矛sean bidhe, aodaich is connaidh. Tha litir chun a' Highland News air an 19mh den Ghearran a' f脿gail air ceannaichean gu robh iad a' gabhail brath air a' chogadh airson barrachd airgid a dh猫anamh dhaibh fh猫in.
Agus bha artaigil anns a' Highland News air an t-seachdain seo ag innse mu na boireannaich 脿 Ste貌rnabhagh a bha ag obair ann am factaraidhean timcheall Abhainn Chluaidh.
Air an 29mh den Ghearran 1916 bha batal fuilteach sa Chuan a' Tuath an uair a chaidh an soitheach Gearmailteach 'Greif' agus am HMS Alcantara a chuir fodha. B' e soitheach sealg no raider a bh' anns an Greif agus aon uair 's gun deach mothachadh dhith a' tighinn a-steach dhan Chuan Siar an latha roimhe sin chuir an Admiral Sir John Jellicoe cabhlach de shoithichean cogaidh na coinneamh gus stad a chur oirre. Cluinnidh sinn mun uabhas a thachair.
Gheibh sinn cuideachd naidheachdan mu eileanaich - naidheachd mu fhear a bhuineadh do Thiriodh a bh'air a bhith a dh矛th bhon L霉nastal 1915 agus mu fhear 脿 Le貌dhas a bh' ann an Campa Ghroningen san 脪laind.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 7 Mar 2016 12:0091热爆 Radio nan G脿idheal
- Mon 7 Mar 2016 22:0091热爆 Radio nan G脿idheal
- Sun 13 Mar 2016 12:5991热爆 Radio nan G脿idheal