Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha na h-Eileanan gan nochdadh anns na meadhanan

Iomhaigh nan Eileanan anns na meadhanan, air telebhisean, rèidio, air loidhne agus anns na pàipearan. Discussing how the islands are portrayed in the media.

Chaidh aithris à chraoladh air Newsnight oidhche Mhàirt mun cheangal a th'aig Dòmhnall Trump ri Alba. Thàinig neach-aithris bho sgioba Newsnight a Leòdhas a dh'fhaicinn an t-àite dha'm buinneadh Trump. Ach a bheil an iomhaigh a thug an aithris dhan àite caran sgìth agus sàraichte agus ma tha, carson a tha an dealbh seo dha na h-Eileanan a-nochdadh cho tric air sgàilean agus anns na meadhanan eile.

Ro-shealladh den phrògram telebhisean Bruadar a' Bhàis a tha air 91Èȱ¬ ALBA a-nochd far a bheil sgeulachd eucoir brùideil Ùisdean Mhicleòid air innse, agus a' chùis cùirte a lean e, air a h-innse slàn. Gu h-annasach seo an aon turas a-riamh fo lagh na h-Alba a chaidh gabhail ris an dàrna sealladh mar fianais ann an cùirt.

Dh' iarr sinn an t-seachdain 'sa air Joy Dunlop a dhol a' rùileach ann am bùth chathranntais ach dè na leabhraichean a gheibheadh i airson còig notaichean. Innsidh Joy mar a thàinig i tarsainn air Nathan Filer - The Shock of the Fall, Andrea Levy - Small island agus Roger Hutchinson - The Silent Weaver. bbc.co.uk/coinneach

Tha an t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne a' toirt beachd air an t-seirbheis ùr a tha Ryanair a tairgsinn far an urrainn daoine jet phrìobaideach fhaighinn agus sin a' dol cealg dhìreach an aghaidh a' phrionnsabail air an deachaidh a' chompanaidh a' stèidheachadh an toiseach ann an 1991. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 10 Mar 2016 09:00
  • Thu 10 Mar 2016 21:13