Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' cuimhneachadh air Hamish MacEanraig

Eachdraidh beatha agus obair an t-Albannach ainmeil Hamish MacEanraig. Scottish poet, songwriter, communist, soldier and intellectual Hamish Henderson remembered.

Chaidh prògram aithriseach a shealltainn an-raoir aig Fèis Filmichean Ghlaschu a' comharrachadh beatha agus obair an eòlaiche ainmeil Hamish MacEanraig a fhuair cliù airson bàrdachd, sgrìobhadh òrain agus a bha cuideachd na shaighdear. Bha e cuideachd ainmeil airson na chruinnich e de sheann sgeulachdan agus òrain bho air feadh na dùthcha. Agus a cheart cho cudromach ri rud sam bith eile 's e a thug thugainn Flòraidh NicNèill, Jeannie MacDhonnchaidh agus Calum MacIain. Cluinnidh sinne an-diugh bho dhithis a bha gu math eòlach air Hamish, Dolina NicIllinnein agus Aonghas Dubh MacNeacail.

Agus tha na pàipearan ann am Breatainn làn dheth - dè buil a' bhòt air 23mh latha den Ògmhios? A bheil sinn mar dhùthaich a' dol a dh'fhuireach mar phàirt dhan Roinn Eòrpa no nach eil? Dè na beachdan a tha a' nochdadh ann an dùthchannan eile? Tha Coinneach an-diugh a' cuir sgrìob dhan Fhraing, dhan Ghearmailt, Luxembourg agus Èirinn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 24 Feb 2016 09:00
  • Wed 24 Feb 2016 21:00