Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 69

Aithris air tiodhlacadh Iain Mhic an Lèigh an Campa Ghroningen is an Anglia dha cuir fodha. John MacLeay's funeral at the camp in Groningen and the hospital ship Anglia is sunk.

An t-seachdain sa tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mu aithris ann an iris na h-Eaglaise Saoire, a Monthly Record, san t-Samhain 1915, anns a robh iomradh air bàs fear Iain Mac an Lèigh no Iain Puth mar a chante ris. Bhuineadh e do Shiadar an Taobh Siar agus tha e coltach gu robh e gu ìre mhòr mar mheadhan air ministear le Gàidhlig fhaighinn airson a' champa anns an robh e fhèin agus mòran eileanaich eile nam prìosanaich ann an Groningen san Òlaind. Cluinnidh sinn an aithris air an tiodhlacadh aige.

Cuideachd, beagan an dèidh meadhan-latha, air 17mh den t-Samhain, chaidh bàta air an robh an Anglia a chur fodha le mèinn faisg air Dòbhar.
Chaidh an Anglia a thogail ann an gàrradh-iarainn Uilleam Denny ann an Dùn Breatainn agus ron chogadh bha i ag aiseag luchd-siubhail eadar Èirinn agus Alba. Aig toiseach a' chogaidh chaidh a gabhail thairis leis an Riaghaltas airson a bhith ag aiseag shaighdearan leòinte dhachaigh às an Fhraing.
Bha mu cheithir cheud neach air bòrd nuair a bhuail i ann am mèinn a bha UC-5 air fhàgail. Chaidh a tolladh agus thòisich i a' dol fodha gu luath. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig mar a thachair.

10 minutes

Last on

Fri 20 Nov 2015 11:50

Clip

A Very Unimportant Officer

A Very Unimportant Officer

An leabhar A Very Unimportant Officer – My Grandfather’s Great War le Cameron Stewart far an robh an Caiptean Alasdair Stiùbhart a bha sa Chiad Bhatàlian de na Camshronaich, a’ coimhead air ais air leabhar-latha a chùm e san Fhraing aig àm a’ Chogaidh agus Seachdain sa Chogadh a’ togail air na bha e ‘g ràdh mu cho cudromach agus a bha ruma dhaibh. <?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />

Broadcasts

  • Thu 19 Nov 2015 21:00
  • Fri 20 Nov 2015 11:50