Cò a ghlèidh na prìomh bhuinn aig Mòdan an Òbain eadar 1962 agus 1978
Na guthan seinn a choisinn buinn òir aig mòdan nà iseanta anns an Òban eadar 1962 is 1978. Winners of the gold medals at national mods held in Oban from 1962 to 1978.
Chaidh am Mòd Nà iseanta a stèidheachadh ann am baile an Òbain ann an 1892 's bidh na mìltean a dèanamh air an Òban a-rithist am-bliadhna agus am Mòd a' tilleadh ann. 'S iomadh bonn is duais a thèid a thoirt seachad thairis air an t-seachdain ach chan eil gin dhiubh cho cudromach no cho gleansach ri na buinn òir airson seinn: Bonn Òir a' Chomuinn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis.
Anns an t-sreath seo tha Angela NicFhionghuin gar toirt air ais tro na bliadhnaichean airson sùil a thoirt air an fheadhainn a ghlèidh na prìomh bhuinn aig Mòdan san Òban bho 1962.
Anns a' chiad phrògram, bheir i sùil air an fheadhainn a ghlèidh na prìomh dhuaisean aig Mòdan san Òban eadar 1962 is 1978. Tha sinn a' coinneachadh ri tè de chaileagan an Òbain fhèin, a chaill Freshers' Week san oilthigh ann an 1962 ach a ghlèidh am prìomh bhonn, Bonn Òir a' Chomuinn aig aois 17; 's ise Anna Latharna NicIllÌosa.
Last on
Donnchadh Dòmhnallach agus Mairead NicLeòid
Criosaidh Nic a' Phiocair
Broadcasts
- Mon 5 Oct 2015 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 5 Oct 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Jan 2016 08:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Oct 2024 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal