Main content
Sorry, this episode is not currently available

23/09/2015

Tha botail fìon ri cheannach airson not ach saoil an fheuch e òl? Exploring whether bottle of wine costing one pound is drinkable.

Dè a tha sibh a' cosg air botal fìon? Tha botail a-nis ri fhaighinn airson not ach saoil an fhiach e òl?

Tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil muinntir Bhreatainn a tilgeil air falbh an t-uamhas aran gach latha. Tha a' bhuidheann 'Love Food Hate Waste' a nis air iomairt a thòiseachadh fon ainm 'Use Your Loaf' gus daoine a bhrosnachadh aran a chleachdadh ann an dòighean nas fheàrr. An-diugh comhairle air an iomadh dòigh is as urrainn duinn feum a dhèanamh air aran.

Tha rannsachadh ga dhèanamh ann an sgìre Chàrlabhaigh ach a bheil feum air bùth coimhearsnachd anns an sgìre agus dè a bhiodh daoine ag iarraidh a cheannach bhon a' leithid. Tha mòran bhùithean coimhearsnachd air feadh na dùthcha a tha a' tairgsinn seirbheis air leth dhan luchd-cleachdaidh ach tha dùbhlain aca na h-àiteachan sin a chumail a' dol agus iad a' strì an aghaidh prìsean nam bùithean mòra. Innsidh Tormod Dòmhnallach à Ùig Leòdhais, Coinneach MacLeòid às an t-Òb 's na Hearadh agus Calum MacArtair a tha an lùib iomairt Chàrlabhaigh ann an Leòdhas mu na duilgheadasan agus na buannachdan a tha an cois a leithid. feasgar@bbc.co.uk.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 23 Sep 2015 12:33

Broadcast

  • Wed 23 Sep 2015 12:33