Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a bha sabaid dhian a' dol air an dàrna seachdain den Lùnastal 1915 aig Anzac Cove agus Bàgh Suvla ann an Gallipoli mar phàirt de 'Ionnsaigh an Lùnastail', an 'August Offensive' a thòisich an t-seachdain ron a seo. Nuair a bhuail torpedo anns an SS Royal Edward sna Dardanelles air a 13mh den Lùnastal chaidh mu 500 a shàbhaladh agus chaidh còrr is mìle às an rathad. Bha Aonghas Beag Niàll a Ghàrraidh à Barraigh air SS Ajax a chaidh a dhèanamh cobhair air na leòintich.

Chuireadh dà bhàta Tuirceach fodha le bàtaichean-aigeil Breatannach sna Dardanelles agus chaidh an criùsar-armaichte an SS India a chuir fodha le na Gearmailtich far cladach Nirribhidh.

Ann an Gallipoli air an treas seachdain dhan Lunastal bha an 'Autumn Offensive', a-nise seachad is an cogadh air ais anns na trainnsichean, le glè bheag gluasad taobh seach taobh. Bha an call-beatha àrd fhathast, ge-tà. Am measg na chaidh a mharbhadh air an t-seachdain seo bha ceathrar às an Eilean Sgitheanach - Alasdair MacFhionghain a rugadh sna Torran; Alasdair MacFhionghain, 'Aileagan Màiri Anna', à Cill Mo Luaig; Iain MacThòmais a rugadh am Port Rìgh agus Dòmhnall MacMhaoilein a rugadh cuideachd am Port Rìgh.

Airson misneachd nan saighdearan sna Lovat scouts a thogail an Gallipoli, bha an Caiptean aca, Uilleam Mac an Tòisich, air botal uisge-bheatha a ghealltainn airson an saighdear a b' fheàrr a dhèanamh òran mun a' phlatùn aige. 'S e Uilleam MacCoinnich à Asalaig faisg air Gleann Eilg a bhuannaich an duais le Òran nan Lovat Scouts agus cluinnidh sinn ceathramhan dhan òran sa phrògram.

Air an aonamh latha fichead dhen Lùnastal 1915 thug feachdan Breatannach ionnsaigh air Beinn Scimitar aig Bagh Suvla sna Dardanelles.
B' e seo an ionnsaigh a bu mhotha a bha na co-chòmhraigich air a dheànamh ann an aon latha aig Blàr Ghallipoli. B' e an t-amas na Turcaich a ghluasad bho tràigh Suvla agus ceangal a dheànamh leis na feachdan Astràlianach agus Sealann Nuadh aig deas. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dhaibh.

Air an dara latha fichead ghabh feachdan Gearmailteach thairis Gearastan Osovets ann an ceann a tuath na Pòlainn. Bha strì chruaidh air a bhith a' dol airson a' ghearastain seo bho thoiseach a' chogaidh eadar na Ruiseanaich 's na Gearmailtich oir bha dà loidhne rèile a' ruith troimhe - aon bho St Petersburg gu Berlin agus an tè eile bho St Petersburg gu Vienna. Mar sin b' e làrach fìor chudromach a bh' ann a bha cuideachd a' tairgsinn an t-slighe a bu ghiorra eadar taobh sear is taobh siar Prussia.

30 minutes

Last on

Sun 6 Sep 2015 12:59

Broadcasts

  • Mon 31 Aug 2015 12:00
  • Mon 31 Aug 2015 22:00
  • Sun 6 Sep 2015 12:59