Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gleann Chille Mhàrtainn

A' cuimhneachadh air a Bhrig. Iain MacPhàrlain le prògram a chlàr e le Coinneach MacÌomhair ann an 2006. Remembering Brig. Iain MacFarlane in Kilmartin Glen, a programme from 2006.

Chaillear mòran de shàr charaidean na Gàidhlig, agus caraidean Radio nan Gàidheal, am-bliadhna. Nam measg, bha am Brigadier Iain MacPhàrlain, a rugadh 's a thogadh ann an Muile, 's a bha fad bhliadhnaichean ann an àrd-dhreuchdan san arm. B' ann an Taigh an Uillt a rinn e a dhachaigh às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad.

Bha e na shàr-eòlaiche air iomadh cuspair ach gu h-àraidh air eachdraidh, agus mar chuimhneachan air, tha cothrom eile againn èisteachd ris fhèin agus Coinneach MacIòmhair nuair a chaidh iad a Ghleann Chille Mhàrtainn ann an 2006. Tha Gleann Chille Mhàrtainn ann an Earra-Ghàidheal ainmeil airson an dìleab airceòlais a tha air fhàgail ann le còrr air ochd ceud seann làrach ri fhaicinn, eadar chladhan, clachan shnaighte agus tursachan.

57 minutes

Last on

Wed 3 Jan 2024 20:00

Broadcasts

  • Wed 26 Aug 2015 09:00
  • Wed 26 Aug 2015 21:00
  • Wed 16 Aug 2017 09:00
  • Wed 16 Aug 2017 21:00
  • Wed 11 Aug 2021 09:00
  • Wed 11 Aug 2021 21:00
  • Christmas Eve 2023 13:05
  • Wed 27 Dec 2023 20:00
  • Wed 3 Jan 2024 20:00