Main content
Sorry, this episode is not currently available

20/08/2015

An-diugh mìneachadh air Cìsean Luach-leasaichte aig puirt-adhair Bhreatainn. David Byre explains VAT charges at Britain's Airports.

An-diugh tha Calum Aonghas MacAoidh anns a' chathair.

Dè an t-àite fuirich as fheàrr dha oileanaich nuair a tha iad a' tòiseachadh anns an oilthigh? Flat, Halls no còmhla ri am pàrantan? Cluinnidh sinn bho thriùir air a' chuspair.

Tha fear-naidheachd poileataigeach Radio nan Gàidheal Niall O'Gallagher a' leantainn mar a tha Breatainn agus an Fhraing a' dèiligeadh ri cruaidh-chas na h-imreachd.

Tha an t-eòlaiche siubhail Dàibhidh Byrne air ais airson mìneachadh air Cìsean Luach-leasaichte (VAT) aig puirt-adhair Bhreatainn. A-rèir aithrisean tha cuid de na bùithean aig puirt-adhair na dùthcha air a bhith ag iarraidh air luchd-siubhail na cairtean-bòrdaidh a shealltainn dhaibh. Chan ann air sgàth 's gun robh feum aca seo a dhèanamh ach gus a' Chìs Luach-leasaichte fhaighinn air ais bhon riaghaltas gun fios a bhith aig an luchd-siubhail.

As dèidh na thachair le làrach-lìnn Ashley Madison tha daoine a' bruidhinn air ciamar a chumas iad am fiosrachadh pearsanta aca sàbhailt agus dìomhair air-lòidhne. A bheil dòighean sam bith ann air ar fiosrachadh a chumail sàbhailte agus dè na rudan a bu chòir dhuinn a bhith a'deanamh airson sinn fhìn a dhìon air-loidhne. Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' mìneachadh.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 20 Aug 2015 12:33

Broadcast

  • Thu 20 Aug 2015 12:33