Main content
Sorry, this episode is not currently available

16/06/2015

Turas an deilbhiche-aodach Sandra Mhoireach gu Milan agus lèirmheas air filmichean ùra. Fashion designer Sandra Murray discusses her trip to Milan, plus a review of new films.

Tha Sandra Mhoireach air tilleadh bho thuras a Mhilan, cluinnidh sinn mun stoidhle a tha ri fhaicinn anns a' bhaile sin, 's doch am baile as fhasanta a th' ann.
Gheibh sinn lèirmheas bho Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein air Jurrasic World agus Danny Collins , filmichean ùr anns na taighean deilbh agus tha tuilleadh dha na reasabaidhean samhraidh eile aig Seonag Nic a' Ghobhainn againn, an-diugh Cearc le liomaid agus sailead Panzanella.
bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 16 Jun 2015 12:33

Reasabaidh ùr bho Sheonag Nic a' Ghobhainn

Cearc Liomaid à Toscàna agus Sailead Panzanella le Millsean sìmplidh air a dhèanamh le Measan


Cearc Liomaid à Toscàna


Cearc 1.8 cileagram, no cearc meadhanach mòr (leis a  chreamh-droma air a thoirt às agus an fheòil air a sgaoileadh)
Sùgh Liacrach (Marinade)
4 làn spàin bùird ola a’ chruinn-ola
Sùth agus rùsg 2 liomaid
3 clobhaichean creamh air am pronnadh no an gearradh mìn
1 làn spàin bùird Ròs Màiri air a ghearradh mìn.
Salainn agus piobair (1-2 spàin tì gach fear)


Cuir a’ chearc ann an soitheach a tha mòr gu leòr airson a ghabhail air a sgaoileadh a-mach agus dèan cinnteach gu bheil e air a dhèagh liacadh leis a’ mharinade.
Cuir plastaig air agus tionndaidh a’ chearc as a’ bhrìgheachadh turas no dhà. Tha còir aige a bhith anns an fhuaradair airson co-dhiù ceithir uairean a thìde no nas fheàrr buileach fad oidhche.
Faodaidh seo a bhith air a bhruich air BBQ, 20 mionaid gach taobh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil e air a dheagh bhruich. No ann an àmhainn theth 200C / Gas 7 airson uair a thìde no uair agus cairteal. 
A-rithist, dèan cinnteach gu bheil e air a dheagh bhruich mar a dhèanadh tu le cearc sam bith.


Sailead Panzanella


3 làn spàin buird ola a’ chruinn-ola
1 lof bheag ciabatta no ruideigin coltach
2-3 tomàtothan
1 cularan air a ghearradh na leth air fhad agus leis an t-sìl air a thoirt às.  Geàrr an uairsin e na phìosan gu math mòr.
1 piobair dearg , 1 piobair buidhe air an gearradh nan sliosan tana
1 uinnean dearg air a ghearradh na dhà leth agus an uairsin air a ghearradh  mìn
Dòs basail (bunch)
3 làn spàin buird caparan le sùth air a dhòrtadh dhiùbh


Annlan Sailead


1-2 clobha do chreamh air am pronnadh no an gearradh mìn
Leth spàin tì mustard Dijon
3 làn spàin bùird fìon-geur no fìon-geal
8 làn spàin bùird ola a’ chruinn-ola
Salan agus piobar airson blas a tharraing


Gèarr a’ lof na chnapan beaga agus còmhdaich sin le 3 làn spàin buird ola a’ chruinn-ola. Cuir sin ann an àmhainn theth (200 c) airson timcheall air 10 mionaidean no faòdar cuideachd a ròstadh.
Measgaich an annlan sailead ri chèile.
Cuir an còrr dhen sailead còmhla agus an annlan air.  Tha e nas fhèarr fhàgail airson leth uair gus an tèid gach blas an ceann a chèile.
Faòdar seo a chleachadh mar a tha e no biadh cheart a dhèanamh dheth le bhith cuir tuilleadh ris mar càise feta, soilire, bliochdan, parmesan, hama no rud sam bith a th’ anns a’ frids.
Mairidh seo anns a’ frids airson là is fàsaidh na blasan nas fhèarr.


Mìlsean Sìmplidh le Measan


Gèarr peitseagan no apracotan no plumbais nan dà leth agus bheir an clach àsta.
Cuir began ìm agus siùcar dònn far an robh a’ chlach agus tha e math cuideachd  le drùthag leithid branndaidh apricot na cheann.  Faodar seo a chur air grill, no a chur dhan àmhainn dìreach gus an leagh an t-ìm.
Tha seo math le uachdar air a bhualadh le beagan siùcar, faoineag no le reoiteag. 
Tha suibheagan cuideachd math le fìon-geur balsamic gan còmhdachadh airson am blas a thoirt àsta.

Broadcast

  • Tue 16 Jun 2015 12:33