Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' comharrachadh ceithir fichead bliadhna den bhuidheann AA, Alcoholics Anonymous. Marking the eightieth anniversary of Alcoholics Anonymous.

Cluinnidh sinn bho Dòmhnall Mìcheal MacAonghais mu eachdraidh a' bhuidheann Alcoholics Anonymous a tha a' còmharrachadh ceithir fichead bliadhna. Bidh Coinneach cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn aig a bheil eòlas air a bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean dibhe. Agus gheibh sinn beachd Dhòmhnaill Mhicleòid air an dealbh chluich 'Bill W. and Dr Bob', a tha ag innse sgeulachd iongantach an dithis a thòisich a' bhuidheann Alcoholics Anonymous.

Mun àm-sa dhen bhliadhna tha tòrr sgoiltean a' cur turais air dòigh dhan chloinn, cuid dhiubh thall thairis. Dè a' bhuannachd a tha a' chlann a' faighinn às na turais seo agus a bheil iad a' cur uallach air teaghlaichean aig nach eil comas na tha sin a dh'airgiod a phàigheadh?

Agus tha dachaigh Ena Baxter, an tè a chruthaich an gnìomhachas bìdh Baxters, ga reic ann an Eilgin. Bheir Marie NicMhathain, a tha às an sgìre, dhuinn sgeulachd beatha Ena Baxter, mar a thagh i fhèin agus an duine an gnìomhachas a chruthachadh anns an sgìre anns an robh iad a' fuireach agus a' feum a rinn e dhan sgìre sin.

57 minutes

Last on

Thu 11 Jun 2015 21:13

Broadcasts

  • Thu 11 Jun 2015 09:00
  • Thu 11 Jun 2015 21:13