Main content
Sorry, this episode is not currently available

09/06/2015

Reasabaidhean ùra bho Sheonag Nic a' Ghobhainn - feòil Muice air a shlaodadh le Coleslaw agus Reoiteag. Seonag Smith's recipes for pulled pork and coleslaw.

'S ioma rud a tha ri fhaighinn ann am bùth leabhraichean anns an là a th' ann, nach eil Laura Freeman a tha a' sgrìobhadh colbh ann an aonan dhan na paipearan mòra laitheail a' caoidh gu bheil e toirt leithid do dh' ùine faighinn seachad air na cairtean, na geumaichean agus na dèideagan gu bheil e doirbh faighinn gu na leabhraichean. Gheibh sinn beachd luchd leughaidh air bùithtean leabhraichean 's an là an-diugh.

Cluinnear beachd Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein air na filmichean as ùire a tha anns na taighean deilbh, an t-seachdainn-sa Spy agus Survivor.

Tha reasabaidhean ùr aig Seonag Nic a' Ghobhainn dhuinn, feòil Muice air a shlaodadh le Coleslaw agus Reoiteag.

bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 9 Jun 2015 12:33

Reasabaidh ùr bho Sheonag Nic a' Ghobhainn

Feòil Muice air a shlaodadh le Coleslaw


1500g gualainn feòil muice
3 uinneanan
4 clobha creamh
Salann agus piobair
2 làn spàin tì paprika
250ml leann-ubhal
1 làn spàin bùird ola


Àmhainn aig teas 160C/ 320F/ Gas 3
Suath na feòile le salann, piobar agus paprika. Cuir an ola am bonn soitheach agus na h-uinneanan agus an creamh leis, agus an fheòil air am muin.Ìý
Cuir pàipear fuine thairis air an t-soitheach agus an uairsin foidhl agus dèan cìnnteach gu bheil e air a dhèagh chòmhdachadh is nach fhaigh èadhar a-staigh.
Tha seo a’dol dhan àmhainn airson 3 uairean a thìde. Às deidh na h-ùine sin, bheir an còmhdach dheth agus cuir e air ais dhan àmhainn airson 3/4 gu uair a thìde eile.
Nuair a tha e bruich, slaod an fheòil às a cheile le dà fhorc agus cuir sin agus sùth na feòile còmhla. Tha e math le coleslaw agus rollaichean.


Coleslaw


Càl beag geal air a ghearradh mìn
2 churran air an greatadh
1 uinnean air a ghearradh mìn
3-4 làn spàin mayonnaise
Uile air a mheasgachadh còmhla


¸é±ðò¾±³Ù±ð²¹²µ


Cana bainne cò-dhlùthaichte (condensed milk) 300 ml
Uachdar dùbailte 300 ml
2 làn spàin blas (‘s dòcha faoineag / bhanila)
Buail seo ri chèile agus cuir dhan reothadair e. Fàg e gus am bi e air cruadhachadh, ach ith e taobh a-staigh làtha no dhà, no tha am blas a’ falbh.
Faodar sùbh-làirean no sùbhagan a phronnadh is a chur na luib cuideachd.


Honeycomb


200g siùcar mìn
6 làn spàin bùird siorap-mèibeal
2 làn spàin tì soda-arain
Leagh an t-sìucar agus an t-siorap còmhla, cuir an soda-arain dhan a’ phana agus dort e uile a-mach air treidhe.Ìý
Leig leis fuarachadh agus cruadhachadh. ‘S urrainn an uairsin a bhristeadh suas na phìosan beaga airson a chur an lùib an reoiteig.

Ìý

Broadcast

  • Tue 9 Jun 2015 12:33