02/06/2015
Coin agus gliocas, bha sin aig Matise ann am Britain's Got Talent ach a bheil e aig coin à bhaisteach? Owners discuss their dogs' talents.
Tha Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein còmhla rinn le na naidheachdan as ùire bho na taighean deilbh. Gheibh sinn a bheachdan air Man Up, comadaidh romansach ùr à Breatainn agus air San Andreas, film fo stiùir Brad Peyton.
Ma bha sibh a' leanntain Britain's Got Talent am bliadhna, bidh fhios agaibh gur e cù a bhuannaich am prìomh dhuais oidhche na Sà baid, cù gu math glic a bha air a dhèagh thrèaneadh le a bhana-mhaighstir Jules O'Dwyer. Dè is coireach gu bheil coin cho glic, a bheil cuid nas fhasa an trèanadh na cuid eile? Cluinnidh sinn bho thriùir a tha air leth eòlach air coin.
Agus bidh reasabaidhean ùra airson dìnnear samhraidh aig Seonag Nic a' Ghobhainn!
Last on
Ceapaire paisgte le cearc spìosrach
4 broillich circe
4-6 là n spà in bùird mayonnaise
1 là n spà in bùird pùdar coiridh
2 là n spà in bùird turmeric
1 là n spà in bùird garam masala
2 uinnean earraich
Là n cròige cnothan cashew air an rostadh
Bruich na broillich circe le salann agus piobar agus beagan ola chroinn-ola airson 40 mionaid anns an à mhainn gus a bheil iad deiseil.
Measgaich am mayonnaise leis a’ phùdar coiridh, an turmeric, agus an garam masala agus fà g e airson greis gus an tig na blasan eadar-dhealaichte còmhla.
Leig leis a’ chearc fuarachadh, geà rr e le bhith ga shlaodadh às a chèile agus cuir am mayonnaise na luib. Airson tuilleadh blas a thoirt air, cuir dà uinnean-earraich agus là n cròige de chnòthan cashew ann. Tha e deiseil airson a chur am broinn tortilla no ma tha thu ag iarraidh a bhith falainn, leatas.
Baguette là n feòil-mairt agus sailead
600g màs feòil mhairt (silverside)
Lofa taois-gheur no aran coltach
2-4 là n spà in bùird mayonnaise le spìosrach mar harissa, siracha , meacan-eich (horseradish) no wasabi na lùib gu teas a chòrdas ribh fhèin.
Sailead sam bith: tomà tothan, piobairean (à sileagan ma tha e nas fhasa), uinnean dearg air a ghearradh mìn.Â
Cularan agus curain, air an gearradh nanm slisean tana.
Luibhean sam bith, pearsal, basail agus a leithid.
Teasaich an à mhainn gu 240C/200C fan / Gas 9. Cuir salann agus piobair air an fheòil agus cuir dhan à mhainn e airson 15 mionaidean, agus bheir teas na h-à mhain sìos às dèidh sin gu 190C / 170C fan / Gas 5 airson 25 mionaidean eile, no nas fhaide ma thogras tu. Leig leis fuarachadh agus cuir dhan frids e airson dà uair a thìde.
Geà rr a’ lofa na mheadhoin agus bheir an t-aran na bhroinn à s.
Cuir am mayonnaise le na spìosan air taobh a-staigh na lofa air gach taobh, air a’ bhonn agus air a’ mhullach. Cùm beagan dheth airson a thoirt seachad air cliathaich an truinnseir. Â
Dèan slisean tana dhan fheòil agus cuir sin air bonn a’ lofa.
An uairsin lìon a’ lofa le na saileadan eadar-dhealiachte gus am bheil e gu math là n. Bidh e doirbh a dhùnadh agus am mullach a chuir air. Put sìos air a’ mhullach agus cuir cuideam air, cùm seo anns a’ frids airson uair a thìde eile cò dhìu.
Gèarr e na phìosan. Faodar an còrr dhan mhayonnaise a thoirt seachad còmhla ris.
Mìlsean le Ricotta no Mascarpone
Deochan Samhraidh
Tì no cofaidh le deigh. Dèan tì no cofaidh anns an dòigh à bhaisteach - tì dhùbh, no faodar an cofaidh a dhèanamh dubh no le bainne. Cuir spà in no dha sìucar ann agus leig leis fuarachadh. Lìon siugaichean le deigh agus dòrt an deoch air an deigh.
Cuir spà in-tì meas-passion am bonn glainne is lìon suas le le fian balganta no Prosecco. No cuir Limoncello am bonn na glainne le fian balganta na cheann. No ma tha sibh a’ seachnadh deoch là idir, cuir am bonn glainne e le uisge balganta na cheann.
Broadcast
- Tue 2 Jun 2015 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal