Main content
Sorry, this episode is not currently available

21/05/2015

An-diugh farpais an Eurovision a tha a' comharrachadh trì fichead bliadhna. Marking 60 years since the launch of the Eurovision Contest.

Tha an Eurovision a' comharrachadh trì fichead bliadhna den fharpais. Bha Màiri Rodgers aig an Eurovision an uiridh anns an Danmhairg agus tha i còmhla rinn le naidheachdan bho fharpais na bliadhna 'sa a bhios air a chumail ann an Vienna.

Cuideachd streath ùr còmhla ris an eòlaiche siubhal Daibhidh Byrne agus an an t-seachdain seo tha e ag innse mu na turais adhar as ùire as urrain dha daoine a ghabail bho phuirt-adhair Ghlaschu agus Dùn Èideann.

A' fuireach anns a' phrìomh bhaile, chaidh Michelle NicDhòmhnaill gu café car annasach ann an Dùn Èideann an t-seachdain sa chaidh agus an t-àite làn chait. Tha a chafé a tha stèidhichte air an aon seòrsa gnìomhachas ann an Iapan a' toirt cothrom dhaibhsean a thig a-steach airson cupan, an gàirdean a chuir timcheall nan diofar chait. Nam measg Maine Conn agus Cat Coille Niribheach. Cluinnidh mar a chaidh do Mhichelle nuair a thadhail ann Maison de Moggy.

A-rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Urras Nàiseanta Litreachais tha na h-àireamhan do chlann-sgoile a tha a' leughadh as fhìor àrdachadh. Tha sianar anns gach deichnear ag ainmeachadh na leabhraichean as fhèarr leotha le Diary of a Wimpy Kid agus Hunger Games nan lùib. Bruidhnidh Cathy ri pàrantan feuch dè a tha an cuid-chloinne a' leughadh agus dè cho tric. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 21 May 2015 12:33

Broadcast

  • Thu 21 May 2015 12:33