Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh tha Coinneach air chuairt aig Caisteal Leòdhais a tha air ùr sgeadachadh. Coinneach and guests tour the newly refurbished Lews Castle.

An diugh, tha Coinneach a dol air chuairt timcheall Caisteal Leòdhais, a th'air ùr sgeadachadh. Na chois, tha aoidhean a ghabh cuairt timcheall a chaisteal as t-Fhoghar 2013, mus do thòisich an obair leasachaidh.

Tha eachdraidh fhada agus ainmeal aig a chaisteal. Chaidh a togail 'sa bhliadhna 1847 do Sir Seumas MacMhathain, a rinn airgead a' gniomhachas an opium.

Bha an togallach ga chleachdadh bliadhnaichean mòra mar sgoil agus mar cholaisde.

Ach tha a chaisteal air a bhi duinte bho chionn 25 bliadhna, an dèidh a dhol fo fheum.

Tha £14 muillion air a chosg gu ruige seo, ga sgeadachadh as ùr, mar thaigh-tasgaidh, tasglann, àite-fuirich agus goireas choimhearsnachd.

Theid £19 muillion a chosg uile gu lèir agus dùil gum bi a chaisteal a fosgladh dhan mhòr-shluagh san Dàmhair.

Chaidh a chiad phàirt de phrògram an la an diugh a chlàradh as t-Fhoghar 2013.

Agus còmhla ri Coinneach air a chuairt ùr, tha; Joe Mac a Phì, Ceannard Roinn Leasachaidh Economigach aig Comhairle nan Eilean Siar, Calum MacIlleathain, Mal MacLeòid, Catriona Stiùbhart, Iain MacIomhair agus Murchadh MacLeòid.

57 minutes

Last on

Thu 21 May 2015 21:13

Broadcasts

  • Thu 21 May 2015 09:03
  • Thu 21 May 2015 21:13