Main content

Episode 6

Episode 6 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdain sa tha Iain a' còmhradh ri Graham Cooper, neach-ionnsachaidh na seachdain, agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil aige. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. He chats to Gaelic learner Graham Cooper about his learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and 91Èȱ¬ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

1 hour

Last on

Sun 14 Feb 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Na Dùrachdan le Mairead is Ailig

Ailig: Shin agad sinne ma-thà! Feasgar Dihaoine againn aon uair eile, is tha an ceòl aig Blair, Blair Dùghlas a’ fuasgladh air Prògram Dhùrachdan na seachdainneach seo. Is mise Ailig Dòmhnallach, Ailig Bhaltois ann a sheo, air ais ann an Obar Dheathain, is ged a tha i brèagha, tha i fuar. Agus ann an Inbhir Nis, tha mi an dòchas co-dhiù, tha mo bhana-charaid à Bàgh a’ Chàise, Mairead NicIllFhinnein.
Mairead: Dè tha dol a’ thachairt a-nochd? Thug thu Ailig Dòmhnallach ort fhèin!
Ailig: Droch, droch chomharra ’s dòcha!  
Mairead: Tha eagal orm gur e, fiù ’s aig an ìre a tha seo dhan phrògram, agus fàilte chridheil oirbhse gu prògram nan Dùrachdan. Dihaoine againn mar-thà a-rithist, agus tha i an aon rud an seo, tha i brèagha. Latha math air a bhith againn, turadh math ach tha i nas fhuaire cuideachd na bha i. Bha lathaichean brèagha againn tron t-seachdain ge-tà.
Ailig: Mar a chanadh iad o chionn fhada a Mhairead, "Cha tig fuachd gus an tig Earrach".
Mairead: Uill, cha tig, ach tha coltas an Earraich a’ tighinn oirre gun teagamh, is tha sinn a’ dèanamh toileachas ris a sin.
Tha sinn a’ dèanamh toileachas air na dùrachdan agaibhse, sin a tha gar fàgail ann a sheo. Mi fhèin agus Ailig gu ochd uairean cuimhnichibh sibhse. Agus tha sinn a’ tòiseachadh le, nise a’ chiad dhùrachd agus tha iad ga h-iarraidh cho luath ’s as urrainn às dèidh toiseach a’ phrògraim o chionn tha mi an amharas gu bheil sibh, cha mhòr, a’ dol a-mach an doras an-dràsta fhèin.

Tar-sgrìobhadh: Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdan agus Ùisdean MacIllFhinnein (Pàirt 1)

Iain: Uill, tha iad ro fhadalach dad a dhèanamh mu dheidhinn a’ ghèam ud gu sònraichte, tha sin gu math soilleir. Ùisdean MacIllFhinnein, fhuair mise beachd bhuaithesan air dè cho fada ’s a chaidh Dùn Èideann ceàrr anns a’ ghèam seo.


Uisdean: Bha an gèam aca, agus bha dùil againn gun robh Dùn Èideann air seo a chrathadh a-mach às an siostam aca, agus gun robh iad air loidhne a chur air na geamaichean aca. Bha iad air ochd geamaichean a chluich gun call, agus thàing Ulaidh ann a sheo, agus iad dìreach a’ creimeadh suas an lìog, agus bha sinn a’ smaoineachadh dìreach gun robh Dùn Èideann ann an suidheachadh far an gabhadh iad an cothrom. Nist’, chan fhaigh iad cothrom nas fheàrr gèam mar seo a bhuinnig. Anns na sia mionaidean mu dheireadh, bha cairt dhearg aig Ulaidh, agus bha cairt bhuidhe aca. Bha iad mar sin sìos gu trì duine deug, agus bha làn chothrom aig Dùn Èideann na trì puingean a bha dhìth orra is beagan a bharrachd fhaighinn airson an gèam seo a bhuinnig agus...


Iain: Is dè chaidh ceàrr?


Uisdean: Chaith iad air falbh e. Agus sin cnag na cùise, ’s ann ann a bhith a’ cath a’ bhuill a-steach a rinn iad am milleadh as motha. Bha trì cothroman aca, còig metres a-mach bho loidhne Ulaidh anns na mionaidean mu dheireadh, agus chuir James Hilterbrand, am fear a bha a’ cur a-staigh a’ bhuill, chuir e a-staigh cam e, is thill sin am ball gu Ulaidh trì tursan. Agus an aon mhearachd eile a bu mhotha a bh’ ann, ’s e gun do chaill Tom Heathcote sia cothroman air na puist a bha còir aige a ghabhail. Bha co-dhiù ceithir a-mach às na sia cho sìmplidh ’s a dh’iarradh tu, is chuir e seachad air na puist iad, taobh a-muigh na puist, agus mar sin, bha uidhir a chothroman aca. Bha Alan Solomons an coidse, ’s gann gum b’ urrainn dha bruidhinn aig deireadh a’ ghèam le cho mar a bha e .....


Iain: Air chaoch.


Uisdean: Bha e dìreach air chaoch, is cha robh e a’ tuigsinn ciamar a’ bhlowaig iad e.

Tar-sgrìobhadh: Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdan agus Ùisdean MacIllFhinnein (Pàirt 2)

Iain: Agus a' coimhead air an sgioba nàiseanta ann am farpais nan Sia Dùthchannan, Richie Grey a-mach, Gordon Reid a-mach, tha iad air Tim Swinson a thoirt a-staigh agus Finn Russell. Mìnich dhuinn dè thachair dha Finn Russell, tòrr deasbad mu dheidhinn seo.


Uisdean: Uill, fhuair e chairt bhuidhe an toiseach, agus an uairsin, chaidh sin àrdachadh gu cairt dhearg agus casg dà ghèam, agus tha a-nist’ Alba a' tagradh an-aghaidh sin, agus tha dòchas ann tha mi a’ smaoineachadh gun tèid sin a thilleadh. ’S e cnag na cùise gu bheil an gèam air a dhol seachad air na riaghailtean. Anns an t-seann fhasan, bha cluicheadair a’ breabadh a’ bhuill dhan iarmailt, agus ’s ann air an fhear a bha a’ dol ga ghlacadh air a bheulaibh bhon loidhne-dìon a bha an amas, agus ’s ann airsan a bha iad a’ feitheamh agus a’ coimhead dè bha tachairt. An-diugh, ’s e am fear a tha ga chur dhan iarmailt a tha a’ falbh as a dhèidh, agus a’ feuchainn ri ghlachadh. Agus chan eil na riaghailtean air atharrachadh. ’S e an riaghailt a th’ ann gu bheil an cluicheadair a th’ air an talamh gum feum e a' caoideachadh a-mach às an rathad. Chan urrainn dha a bhith às an rathad air a’ chluicheadair a tha a’ tighinn sìos, agus ma bhuaileas e ann air dhòigh sam bith, ’s e an cluicheadair air an làr a tha ciontach. Nist’, ma choimheadas tu air na thachair an t-seachdain ’s a chaidh, bha an rèitire ceart anns a h-uile dòigh a-rèir an lagh. 'S e...


Iain: Gu mì-fhortanach...


Uisdean: Gu mì-fhortanach do Finn Russell agus do dh’Alba, ach ’s e cnag na cùise gu bheil an riaghailt agus an gèam air a dhol far a chèile rè ùine.  

Oisean a’ Ghràmair 6: AIR A DHÈANAMH (‘DONE, MADE’)

Bidh mi air mo thoirt dhan ospadal a-màireach. ‘I’ll be taken to hospital tomorrow’.  
Bidh thu air do thoirt chun na bainnse ann an limo pinc. ‘You’ll be taken to the wedding in a pink limo.’  
(‘the wedding’: a’ bhanais. ‘to the wedding’: chun na bainnse.)
Bha am film seo (e) air a dhèanamh ann an Èirinn. ‘This film was made in Ireland.’  
Tha a’ chèic aotrom seo (i) air a dèanamh le uighean, siùcar, ìm, teoclaid, trèicil agus uachdar.   
‘This light cake is made with eggs, sugar, butter, chocolate, treacle and cream.’ 


Tha mi air mo [     ]
Tha thu air do [     ]
Tha e air a
(+ sèimheachadh) [     ]
Tha i air a
(gun sèimheachadh) [     ]


Tha sinn air ar [     ]
Tha sibh air ur [     ]
Tha iad air an [     ]


Latha sàrachail! (‘A stressful day’):


Bha mi air mo shàrachadh leis an fhuaim. ‘I was stressed out by the noise.’ 
Bha thusa air do shàrachadh leis an obair.  
Bha Calum (e) air a shàrachadh leis a’ chloinn. (a’ chlann, leis a’ chloinn).
Bha Màiri (i) air a sàrachadh le Calum. 
Bha sinne air ar sàrachadh leis a’ cheòl. 
Bha sibhse air ur sàrachadh leis an teas.
Cha robh a’ chlann (iad) air an sàrachadh le rud sam bith! 


Puing a bharrachd:


Le cuid a ghnìomhairean, an àite air mo/do/a…  [+ gnìomhair], cleachdar facal (buadhair, ‘adjective’) sìmplidh le –t±ð no –t²¹. Mar eisimpleir:


Bha iad ²õà°ù²¹¾±³¦³ó³Ù±ð. ( = Bha iad air an sàrachadh.)
‘¶Ùù¾±²Ô³Ù±ð airson na Càisg.’  (= air a dhùnadh)   ‘Closed for Easter.’ 
‘¶Ùè²¹²Ô³Ù²¹ an Alba’ ( = ‘air a dhèanamh’)  ‘Made in Scotland’.

Abairt na Seachdain

An rud nach binn leam, cha chluinn mi.

Broadcasts

  • Sun 26 Apr 2015 21:30
  • Wed 29 Apr 2015 12:03
  • Wed 29 Apr 2015 22:00
  • Sun 3 May 2015 10:30
  • Sun 9 Aug 2015 21:30
  • Wed 12 Aug 2015 12:00
  • Wed 12 Aug 2015 22:00
  • Sun 16 Aug 2015 10:30
  • Sun 7 Feb 2021 21:30
  • Wed 10 Feb 2021 12:00
  • Wed 10 Feb 2021 22:00
  • Sun 14 Feb 2021 10:30

Podcast