Episode 4
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. Each week he meets up with a learner to find out about their learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and 91ȱ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 4
Duration: 55:51
-
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Duration: 01:48
-
Tar-sgrìobhadh: Maureen an Afraga a Deas
Duration: 01:23
-
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne
Duration: 02:52
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne: Gàidhlig nan Caoidheach
Seumas: Bha mi airson an dualchainnt a chlàradh airson na ginealaich a tha ri teachd.
Agus le bhith a' dèanamh sin, bha mi an dùil 's an dòchas gun d' rachadh agam air an dualchainnt a chumail beò, gu ìre air choireigin.
Gun d' rachadh aig daoine a bha ag iarraidh sin a dhèanamh, an dualchainnt ionnsachadh às an leabhar agus a cumail beò nan cainnt làitheil.
Calum: Ciamar a tha an dualchainnt an-diugh? A bheil mòran ga bruidhinn fhathast?
Seumas: Chan eil mòran air fhàgail an-diugh gu mì-fhortanach, chan eil mòran air fhàgail, glè bheag de dhaoine air fhàgail a bhruidhneas an dualchainnt sin.
Mar sin, bha e uabhasach cudromach an obair sin a dhèanamh airson dìreach clàr cheart a dhèanamh dhen dualchainnt airson a h-uile duine a tha ri teachd, agus a h-uile duine a bha airson ionnsachadh.
Calum: Carson a chrìon an dualchainnt cho mòr? Carson nach eil daoine ann a tha ga bruidhinn?
Seumas: Uill tha mi a' creids' gun robh buaidh mhòr aig na fuadaichean air staid na cànain an seo - no na ruagaidhean a chanadh iad an seo an àite fuadaichean.
Gun robh buaidh mhòr aige sin air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, 's gun do chaill tòrr dhaoine am misneachd, agus am misneachd a thaobh dualchas agus cànan.
Fìor dhroch bhuaidh aig na sgoiltean air Gàidhlig san sgìre.
Na daoine ris an do bhruidhinn mise, cha d' fhuair iad cothrom Gàidhlig ionnsachadh san sgoil, agus a' mhòr-chuid aca, bha a' Ghàidhlig air a toirmeasg dhaibh anns an sgoil.
Cha robh cead aca Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-staigh na sgoile.
Agus às dèidh bliadhnaichean mar sin, mar as trice às dèidh dhaibh tighinn a-mach às an sgoil, a' mhòr-chuid aca cha b' urrainn dhaibh a' Ghàidhlig a bhruidhinn tuilleadh.
Bha iad fhathast comasach air a' Ghàidhlig a thuigsinn, ach cha robh iad comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn.
Bhiodh iad a' dol dhachaigh bhon sgoil, agus a' bruidhinn Beurla ris na pàrantan aca.'S ged a chumadh iadsan orra a' bruidhinn Gàidhlig, chumadh a' chlann orra a' bruidhinn Beurla.
Rinn cuid de na pàrantan oidhirp mhòr airson a' Ghàidhlig a chumail a' dol. Tha cuimhne agam boireannach a bhith ag innse dhomh nuair a thigeadh i dhachaigh às an sgoil a' bruidhinn Beurla gun canadh a h-athair rithe "na bi a' bruidhinn amaideachd san taigh seo!"
Calum: Dè na seòrsa rudan a tha a’ nochdadh anns an dualchainnt nach eil ann an dualchainntean eile? Dè na faclan a tha iad a’ cleachdadh an seo?
Seumas: Oh uill, leithid de rud ri "strianach", 's e sin a chanas iad an àite broc, agus nuair a bhios tu a' dol dhan leabaidh air an oidhche, bidh iad ag ràdh "cadal an strianaich dhut", gun caidil thu gu math.
An àite bàta, 's e "culaidh" mar a bu trice a chanadh iad. An àite crùbag, "rudhag". An àite ùrlar, no làr, "iùrlar".
An àite nighean no caileag, "irinneag". An àite, ciamar a tha thu?, "Cionnas a tha thu?" 'S e sin a chanas iad gu nàdarrach anns an dualchainnt tha seo.
Agus far an canadh daoine "tha an t-uisge ann", chanadh iadsan, "tha e a' bùrn", “tha e a’ bùrn”, an àite, “tha an t-uisge ann”.
Tar-sgrìobhadh: Maureen an Afraga a Deas: Maureen NicLeòid
Maureen: Dìreach aig mo làimh chlì an seo, tha muncaidh a’ coiseachd dìreach tro na craobhan an-dràsta, agus, oh uill, ma gheibh esan air coiseachd an seo fad an latha, chan eil rian nach urrainn dhòmhsa cuideachd.
Sin, tha an àite seo dìreach làn muncaidhean, agus sin dìreach aon dha na muncaidhean dìreach a’ leigeil bin an siud an-dràsta agus ’s dòcha gur e seo an t-àite a tha iadsan a’ cleachdadh airson an t-sealladh acasan fhaicinn dha na h-uisgeachan cuideachd.
Wow, seo, tha mi a’ tighinn chun an t-sealladh a-nis, agus ’s e seo an àite as fheàrr chanainn. Tha seo dìreach àlainn. Tha thu dìreach, na creagan mun cuairt air agus dìreach na h-uisgeachan a’ dol sìos dhan a’ bhùrn. Agus, tha sin, ’s e sealladh cumhachdach dha-rìribh a tha sin.
Agus chanainn ’s dòcha nuair a bhios tu a’ faicinn dealbhan dha na h-uisgeachan gur ann à seo a bhios iad a’ tighinn, oir tha thu a’ faicinn deagh shealladh.
Tha thu dìreach a’ coimhead ri na h-uisgeachan, tha thu dìreach mun coinneamh mar gum biodh, agus tha e brèagha, brèagha dha-rìribh agus tha mi a’ smaoineachadh gur e seo, ’s e seo an t-sealladh as fheàrr.
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne: John Neil Dòmhnallach
John Neil: Tha Oilthigh Ohio State anns na Stàitean Aonaichte ag obair an-dràsta air coimpuitairean a thrèanadh airson ’s gun aithnich iad na faireachdainnean aig daoine. Tha na coimpuitairean a’ coimhead air aodainn dhaoine, agus a-rèir d’ aodann, tha iad ag obrachadh a-mach ciamar a tha thu a’ faireachdainn. Mar eisimpleir, ma tha gàire air d’ aodann, tha an coimpuitair ag aithneachadh gu bheil thu ann an deagh thrum.
Caran air an aon ràmh, thàinig film inntinneach a-mach an-uiridh leis an t-ainm 'Her', far an robh an duine seo ann an suidheachadh far an robh am pòsadh aige air bristeadh suas airson bha e a’ tuiteam ann an gaol le guth boireann a th’ anns a’ choimpuitair aige o chionn ’s gun i an aon tè a tha ga thuigsinn. ’S dòcha gu bheil sin doirbh a chreidsinn, ach bha e creidsinneach sa film.
’S e ceist inntinneach a th’ ann; dè an ìre a dh’fhaodadh teicneòlas a ruigeadh, gu h-àraid 'artificial intelligence' mar a th’ aca air, agus am faic sinn an latha far am bi faireachdainnean fìor aig coimpuitairean?
Tha gu leòr de dh’eòlaichean a’ smaointinn gum faic sinn an latha sin uair neo uaireigin, nam measg an eòlaiche fiosaigs, Stephen Hawking. Dhomh fhìn, chan eil mi buileach cho cinnteach. Tha a h-uile mac-pearsa a bha riamh ann, agus a tha fhathast ri thighinn fa leth agus àraid. Chan urrainn dhut mac-an-duine a chruthachadh ann am factaraidh neo seòrsa de phroduction line.
Ged a tha e gu math dèante gum faic sinn coimpuitairean neo ròbotan a dh’aithneachas rudan mar deidhinn, cha bhi tuigse aca gu bràth mu gaol agus an dàimh a tha ann eadar dhaoine. ’S e an dòigh agus a tha sinn fa leth agus àraid a tha aig cridhe nàdar mac-an-duine.
Oisean a’ Ghràmair 4: ‘GETTING’
1. Gnìomhair 1: FAIGH ‘Get, receive’.
Cuimhnich:
Past tense: FHUAIR An d’fhuair...? Fhuair. / Cha d’fhuair.
Future/Present: GHEIBH Am faigh …? Gheibh. / Chan fhaigh.
Faigh am bàlla! ‘Get the ball’ Faigh e! ‘Get it!’
Fhuair mi litir an-diugh. ‘I got (‘received’) a letter today’.
Fhuair mi deagh naidheachd. ‘I got good news.’
Fhuair iad clisgeadh. ‘They got a shock.’
Fhuair mi preusant. ‘I got a present.’
Gheibh mi obair ùr a dh’aithghearr. ‘I’ll get a new job soon.’
Gheibh Màiri duais airson na rinn i. Mary will get an award for what she did.
Abairtean eile le FAIGH:
Gheibh mi cuidhteas e. / Gheibh mi clìoras e. ‘I’ll get rid of it.’
Gheibh mi seachad air. / Gheibh mi os a chionn. ‘I’ll get over it.’ (emotionally)
FAIGH + air: ‘to get to, manage to (do something):
Fhuair sinn air fàgail tràth. ‘We got to / managed to leave early.’
Cha d’fhuair mi air am film fhaicinn. ‘I didn’t get to see the film.’
2. Gnìomhair 2: FÀS ‘Get, grow, become’.
Tha iad a’ fàs sean. They’re getting old.
Dh’fhàs i feargach. ‘She got angry.’
Fàsaidh iad sgìth. ‘They’ll get bored’
Dh’fhàs a’ chlann an-fhoiseil. ‘The children got restless.’
3. Gnìomhair 3: RACH ‘to go’.
‘Get’ as passive action: ‘to get broken, to get hit, to get built’, etc.
Cuimhnich:
Past tense: CHAIDH An deach? Chaidh / Cha deach.
Future/Present: THÈID An tèid? Thèid / Cha tèid.
Chaidh an uinneag a bhriseadh.
‘The window got broken.’
Chaidh an cù bochd a bhualadh le càr.
‘The poor dog got hit by a car.’
Thèid na tramaichean a thogail gu luath agus air bheag prìs.
‘The trams will get built quickly and cheaply.’
Thèid am prògram a chraoladh a-rithist aig an deireadh-sheachdain.
‘The programme will get repeated (broadcast again) at the weekend.’
Chaidh na dorsan a ghlasadh aig deich.
‘The doors got locked at ten o’clock.’
Cha deach càil a dhèanamh ma dheidhinn.
‘Nothing got done about it.
Thèid na ballachan a pheantadh an-ath-sheachdain.
‘The walls will get painted next week.’
Chaidh an taigh a reic gun duilgheadas.
‘The house got sold without any problem.’
Cuideachd:
dheidheadh / rachadh (‘would go, would get done’):
Dheidheadh na dorsan a ghlasadh gach oidhche aig deich.
‘The doors would get locked at ten o’clock every night.’
Rachadh na ballachan a pheantadh gach dàrna bliadhna.
‘The walls would get painted every second year.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 12 Apr 2015 21:3291ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Apr 2015 12:0391ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Apr 2015 22:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Apr 2015 10:3091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Jul 2015 21:2991ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Jul 2015 12:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Jul 2015 22:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Aug 2015 10:3091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Jan 2021 21:3091ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Jan 2021 12:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Jan 2021 22:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jan 2021 10:3091ȱ Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.