Episode 12
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Air an treas latha deug den Mhà irt 1915 chaidh stad a chur air an iomairt aig Neuve Chapelle agus air an t-seachdamh latha deug ghabh Sir Iain Standish Monteith Hamilton command air Feachdan nan Dardanelles. Bhruidhneadh e Gearmailtis, Fraingis agus Hindi a bharrachd air Beurla. Chuireadh e os cionn feachdan Bhreatainn as na dùthchannan Meadhan-thìreach ceithir bliadhna mus do thòisich an Cogadh agus bho thoiseach a' Chogaidh bha e air a bhith os cionn feachdan aig an dachaigh. Bha nise command aige air trì fichead 's a còig-deug mìle duine agus dh'iarr Lord Kitchener air smachd fhaighinn air Caolas nan Dardanelles agus air Constantinople. Bha gu leòr dhen bheachd gur e amaideas a bha seo, fiùs mus do thòisich iad.
Cluinnidh sinn cuideachd mar a bha an cogadh a' leantainn air adhart aig muir - agus, barrachd is barrachd, anns an adhar anns na seachdainean seo ann a 1915.
Air an aonamh latha fichead dhen Mhà irt thug bà t-adhair Gearmailteach ionnsaigh air Paris on adhar airson a' chiad uair. Ged a bha na zeppelins aig a' Ghearmailt doirbh an stiùireadh, bha iad comasach air milleadh mòr a dhèanamh is bha eagal aig daoine rompa.
Air an dà rna là fichead den Mhà irt, an dèidh dhan Ghearmailt agus Na Stà itean gearain foirmeil a thogail na aghaidh, ghairm cùirt sa Fhraing gun robh glacadh an SS Dacia laghail. Bha i air a bhith air a slighe à Ameireagaidh dhan Ghearmailt nuair a ghlac soitheach Frangach i còrr air trì seachdainean ron a sin.
Chaidh an SS Falaba, a chur fodha le bà ta-aigeil Gearmailteach air an ochdamh là fichead den Mhà rt. B' i a' chiad bà ta a bhiodh a' giùlan luchd-siubhail dhan do thachair seo agus dh'adhbharraich sin tòrr connspaid. Thogadh am Falaba ann an Glaschu ann an 1906 agus bha 5 mìle tunna de chuideim innte. Bha i air a slighe eadar Liverpool agus Sierra Leone ann an Afraga sa Mhà rt 1915 le ceud gu leth luchd-siubhail air bòrd. Chaidh bà t-aigeil Gearmailteach, an U-28, às a dèidh agus rug i oirre mu tri fichead mìle an iar air St. David's Head sa Chuimrigh. Chaill còrr is ceud duine am beatha orra, nam measg aon Ameireaganach, Leon Thresher, rud a dhùisg tòrr ùpraid sna pà ipearan-naidheachd ann an Ameireagaidh.
Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 6 Apr 2015 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 6 Apr 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Apr 2015 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal